
Sruth an Eòlais: Miughalaigh
Lisa Storey a' rùileach anns an tasglann aig Sgoil Eòlais na h-Alba mu Mhiughalaigh. Lisa Storey searches the archives for stories and folklore relating to Mingulay.
Tha Lisa Storey a bha na tasglannaiche aig Sgoil Eòlais na h-Alba airson iomadach bliadhna a' toirt dhuinn taghadh de sgeulachdan, sheanchas is òrain a chaidh a chlàradh mu Eilean Mhiughalaigh, an t-eilean far an do rugadh a h-athair. 'S ann à Bhatarsaigh a tha Lisa fhèin agus 's ann bho daoine a bha a' fuireach ann a Bhatarsaigh a fhuair i na seanchasan is sgeulachdan mu Mhiughalaigh, gu leòr aca sin air an cluinntinn bho na càirdean aca fhein.
Bha buaidh mhòr aig a' chladach, a' mhuir agus na creagan air dòigh-beatha muinntir Mhiughalaigh agus am measg na sgeulachdan a th' aice anns a' phrògram cluinnidh sibh mun na dòighean a bhiodh aca a' glacadh deifir seòrsa biadh a bha ri fhaighinn timcheall a' chladaich. Nuair a bhiodh iad deiseil dhan obair-là bhiodh iad tric a' ceilidh air a chèile agus bha am pailteas sgeulachdan is sheanchasan air an innse agus gu leòr de dh'òrain air an seinn. Agusa thuilleadh air a sin, bha inneal ùr air nochdadh air an eilean cuideachd a sheinneadh agus a bhruidhneadh!
Last on
Broadcasts
- Thu 22 Mar 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Mar 201822:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Mar 201809:30BBC Radio nan Gàidheal