
Aileag còmhla ri Lisa
Tha Callum ag innse mu SuRie a' bhios a' riochdachadh Bhreatainn anns an Eurovision. Callum has been finding out about SuRie who will represent the UK in 2018 Eurovison.
Air Aileag na seachdain 'sa tha Lisa a' toirt sùil air ceann latha gu math sònraichte ann an eachdraidh bhoireannaich.
Gheibh sinn a-mach mu na lùth-chleasaichean Bhreatannach a tha ann an Coiria a Deas airson Geammannan Oilimpigeach a' Gheamhraidh.
Tha Lisa agus Krisell a' dèanamh ceàirdean eadar-dhealaichte airson Latha Naomh Bhalentine.
Tha Callum air a bhith a' faighinn a-mach mu SuRie a bhios a' riochdachadh Bhreatainn ann an fharpais ciùil Eurovision.
Agus tha Lonnie agus Seumas à Glaschu ag innse mun chur-seachad spòrs as fheàrr leotha - Judo. bbc.co.uk/aileag.
Last on
Music Played
![]()
Aretha Franklin
Respect
- Aretha Franklin - Queen Of Soul.
- Atlantic.
![]()
Alicia Keys
Superwoman
![]()
Madonna
What It Feels Like For A Girl
![]()
Little Mix
Salute
Fleasg Naomh Bhalentine – Valentine’s Wreath
Pàipear/cairt dearg/pinc (no dath sam bith)
Truinnsear pàipear
Ribean
Siosar
Glaodh
Cumadh cridhe
Airson a dhèanamh:
1. Clò-bhuail no dealbh cumadh cridhe air pàipear no cairt dhathach agus geàrr a-mach tòrr dhiubh. Faodaidh sibh cumaidhean cridhe eadar-dhealaichte a chleachdadh cuideachd.
2. Geàrr a-mach cridheachan gu leòr airson a dhol timcheall an truinnsear pàipear.
3. Geàrr a-mach meadhan na truinnsear pàipear agus fàg an cearcall slàn.
4. Cleachd an glaodh gus na cridheachan eadar-dhealaichte a chur timcheall air an truinnsear.
5. Cleachd pìos ribean air cùl na truinnsear pàipear airson am fleasg a chrochadh.
Daolag Gaoil – Love Bug
Truinnsear pàipear
Peant dearg, dubh agus geal
Pipe cleaners dhubh
Cairt dhubh
Sùilean googly
Glaodh
Pìos ribean
Airson a dhèanamh:
1. Peant an truinnsear phàipear dearg agus fàg e airson tiormachadh.
2. Geàrr cearcall agus ochd cumaidhean mar cridhe a-mach às a’ chairt dhubh.
3. Cuir dà shùil googly agus beul air mullach a’ chearcaill airson ceann na daolaig.
4. Dean leth-chearcall aig mullach pipe cleaner agus an uair sin cleachd an glaodh gus a chuir air a’ chairt dhubh.
5. Nuair a tha am peant tioram, peant stiall dhubh sìos meadhan an truinnsear phàipear agus cuir na cridheachan dubha air gach taobh mar spotan na daolaig
6. Cuir ceann na daolaig air cùl an truinnsear phàipear agus an uair sin pìos ribean air cùl a’ chairt dhubh airson an daolag-gaoil a chrochadh.
Bodach Cridhe – Heart Man
Cairt dhearg
Pàipear Geal
Sùilean Googly
Peann Dearg
Siosar
Airson a dhèanamh:
1. Faodaidh sibh cruthan cridhe a chlò-bhualadh bhon eadar-lìon no an dealbh sibh fhèin. Geàrr cumadh cridhe mòr agus ceithir cridheachan beaga a-mach às a’ chairt dhearg.
2. Geàrr ceithir striopan pàipear geal airson gàirdean agus casan.
3. Paisg na striopan pàipear geal mar bogsa-ciùil.
4. Glaodh na casan aig bonn a’ chridhe mhòr agus na gàirdeanan air gach taobh dhen chridhe.
5. Glaodh na ceithir cridheachan beagan aig ceann gach cas agus gàirdean.
6. Cur a-nis air aodann – glaodh air na sùilean googly agus dealbh beul le peann. Mura h-eil sùilean googly agaibh, faodaidh sibh an dealbh sibh fhèin le peann.
Sèine Cridhe Phàipear – Heart paper chain
Pàipear A4 dearg/pinc/geal
Siosar
Teip steigeach
Airson a dhèanamh:
1. Paisg na pìosan pàipear dathach nan dà leth.
2. Geàrr striopan a-mach às a’ phaipear.
3. Paisg aon striopa phàipear aig a’ mhullach agus cuir an dà cheann còmhla ach am bi e coltach ri cridhe.
4. Cleachd an teip steigeach airson an dà cheann a chumail còmhla. Faodaidh sibh stapler a chleachdadh cuideachd.
5. Cur striopa phàipear ann an dath eile tron a’ chiad chumadh cridhe agus dèan an aon rud a-rithist. Cùm oirbh mar sin gus a bheil e na shèine fhada.
Broadcasts
- Fri 9 Feb 201814:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 10 Feb 201812:00BBC Radio nan Gàidheal

