
2 of 3
Luchd-leughaidh a' cuimhneachadh air na bha colbhan a' ciallachadh dhaibh. Readers reflect on the importance to them of the columns in the Stornoway Gazette in its heyday.
Thairis nam bliadhnaichean bha Gasaet Steòrnabhaigh gu mòr an urra ri sgrìobhadairean eadar-dhealaichte airson a bhith a'cumail fiosrachaidh ris an luchd-leughaidh air gach nì, beag no mòr, a bha a' gabhail àite anns na coimhearsnachdan aca fhèin eadar Rubha Robhanais agus Ceann Bharraigh. Bha gu leòr le colbhan sònraichte aca dhaibh pèin, a bha air leth tarraingeach anns an dòigh anns an robh iad air an sgrìobhadh.
Anns an dàrna prògram, tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' toirt sùil air cuid de na colbhan a bhiodh a' nochdadh leithid Gàidheil Ghlaschu, Bodach às a' Rubha aig Uilleam Carrocher agus na bh' aig Seòras Moireasdan à Tolostadh bho Thuath ri ràdh anns na Brevities. Cuideachd, cluinnidh sinn an t-àite a bh' aig sanasan anns a' Ghasaet aig aon uair agus coinnichidh sin ri Catrìona NicDhòmhnaill às na Hearadh a bhiodh a' sgrìobhadh dà cholbh 'Letter from the Croft' agus 'Comment from the Edge'.
Last on
Broadcasts
- Wed 27 Dec 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Dec 201722:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 31 Dec 201710:00BBC Radio nan Gàidheal
