Main content

Deilbh is Faileasan
Luaidh air a' bhàrd 's an sgoilear, an t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh, à Beàrnaraigh Leòdhais, a chaochail am bliadhna. A tribute to Gaelic poet and scholar Prof Donald MacAulay.
Tha am bàrd 's an sgoilear, an t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh, air a mheas mar fhear de phrìomh nua-bhàird Ghàidhlig na ficheadamh linn. Chaidh dà chruinneachadh de bhàrdachd fhoillseachadh leis, Seòbhrach as a' Chlaich (1967) agus Deilbh is Faileasan (2008). B'e cuideachd a dheasaich an duanaire ainmeil Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig (1976). Chaochail Dòmhnall an Dùn Èideann air an 28mh den Ghearran, 2017 aig aois 86 bliadhna. Tha Catrìona Mhoireach a' bruidhinn ri Dòmhnall is ri chàirdean mu a bheatha is mu a bhàrdachd agus tha Dòmhnall ag aithris cuid de a dhàin.
Last on
Christmas Day 201721:00
BBC Radio nan Gàidheal
Broadcast
- Christmas Day 201721:00BBC Radio nan Gàidheal