Main content

Aileag còmhla ri Lisa
Blas na Nollaig le litrichean Santa, cuirmean, filmichean agus òran sònraichte. Get set for Christmas with Santa's letters, concerts, films and a special festive song.
Am meag na th'aig Lisa dhuibh an t-seachdain seo tha blas na Nollaig air a' phrògram agus i air a bhith a' faighinn a-mach mu dheidhinn cuirmean, pantos, filmichean agus litrichean gu Santa.
Mar a ni sibh sìthichean agus Bodach na Nollaig le truinnsearan pàipear.
Agus tha sinn a' tilleadh airson an uair mu dheireadh gu Sgeulachdan Peigi ann an Ceap Bhreatainn - an t-seachdain seo tha Goiridh ag innse sgeulachd Dhòmhnaill na Croite. bbc.co.uk/aileag.
Last on
Sat 16 Dec 201712:00
BBC Radio nan Gàidheal
Music Played
![]()
Skipinnish & Malcolm Jones
Wishing Well
- Wishing Well (single).
- Skipinnish Records.
- 1.
An Sìthiche agus Bodach na Nollaig

Bodach Na Nollaig air a dhèanamh le truinnsear pàipear
Na dh’fheumas sibh:
Truinnsear pàipear
Cairtean dearg agus geal
Peant a tha coltach ri dath craiceann
Bàlaichean cotain
Sùilean googly
Pom pom dhearg
Siosar
Peann dubh
Glaodh
Dòigh
1. Geàrr an truinnsear pàipear, an treas cuid bhon mhullach agus cleachd am peant air an taobh a-staigh ach a bheil e coltach ri aodann agus fàg e airson tiormachadh.
2. Geàrr triantan mòr a-mach às a’ chairt dhearg airson ad agus bodhaig Bodach na Nollaig.
3. Geàrr dà chearcall dà òirleach a-mach às a’ chairt gheal agus geàrr aon dhiubh ann an dà leth. Geàrr pìos mu thrì chairteal na h-òirlich airson an oir aig ad Bodach na Nollaig.
4. Cho luath ‘s a tha an ad tioram, cleachd a’ ghlaodh airson Bodach na Nollaig a’ chuir ri chèile. Cuir an truinnsear pàipear air an triantan mòr, an cearcall slàn aig mullach an ad agus am pìos geal air an oir.
5. Cuir na sùilean googly air agus cleachd an cearcall a gheàrr sibh ann an dà leth mar stais agus am pom pom dhearg mar sròn agus tha Bodach na Nollaig deiseil.

Sìthiche air a dhèanamh le truinnsear pàipear
Na dh’ fheumas sibh:
Truinnsear pàipear
Cairtean uaine, buidhe, dearg agus geal
Peant a tha coltach ri dath craiceann
Bàlaichean cotain
Sùilean googly
Peann dubh
Glaodh
Dòigh:
1. Cleachd am peant air an truinnsear pàipear agus air a’ chairt gheal. Feumaidh sibh gu leòr airson cluasan a’ dheànamh. Fàg iad airson tiormachadh.
2. Fhad ‘s a tha sin a’ tioramachadh, geàrr triantan mòr uaine airson ad agus bodhaig an t-sìthiche. Lùb mullach na triantan gus a bheil e coltach ri ad. Cleachd a’ chairt bhuidhe gus falt a ghearradh.
3. Nuair a tha am peant tioram, geàrr cluasan a-mach às a’ chairt agus cleachd a’ ghlaodh air gach taobh den truinnsear pàipear agus an uair sin cuir an truinnsear air an triantan uaine.
4. Glaodh falt an t-sìthiche air mullach an truinnsear pàipear agus cuir loidhne de bhàlaichean cotain air muin sin agus aon air bàrr an ad.
5. Nise cuir aodann air an t-sìthiche le bhith a’ gearradh a-mach cearcall bheag dhearg airson sròin agus steig sùilean googly air. Faodaidh sibh beul a dhealbh no faodaidh sibh an t-aodann air fad a dhealbh le peann.

Broadcasts
- Fri 15 Dec 201714:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 16 Dec 201712:00BBC Radio nan Gàidheal