
Ceistean an-àbhaisteach do Mhàiri NicAonghais
Iain MacIlleMhìcheil le liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well known Gaels some very quirky questions.
Anns an treas prògram, tha liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain MacIlleMhìcheil do Mhàiri NicAonghais a rugadh ann a Baghasdal a Tuath, ann a Uibhist a Deas. Bha seinn a' còrdadh rithe bho bha i na nighean bheag agus aig toiseach na h-ochdan bha i am measg an fheadhainn a b' òige a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich riamh. A' bhliadhna às dèidh sin, bhuannaich i a' phrìomh fharpais Phan Chèilteach ann an Èirinn. Bhon uairsin, tha Màiri air bhith aithnichte mar sheinneadair air leth tàlantach, an dà chuid air àrd-ùrlaran air feadh an t-saoghail agus air prògraman rèidio agus telebhisean de gach seòrsa - nam measg Songs of Praise, Na Daoine Beaga, An Teaghlach agus Alleluia.
A bharrachd air a bhith a' seinn san t-seann nòs, tha i air a bhith a' seinn còmhla ri luchd-ciùil às gach ceàrnaidh aig Tattoo Rìoghail Dhùn Èideann le còisirean Albannach agus Cuimreach agus leis na còmhlain-ciùil Runrig agus Mouth Music. Tha i cuideachd na h-oide seinn aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu.
Last on
Broadcasts
- Thu 9 Nov 201712:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 9 Nov 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Nov 201709:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Nov 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Nov 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Nov 201913:00BBC Radio nan Gàidheal