
Mata MacÌomhair
Iain MacIlleMhìcheil le liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well known Gaels some very quirky questions.
Rugadh agus thogadh an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair ann an Port nan Gìuran san Rubha, ann an Leòdhas agus thairis air dreuchd air leth soirbheachail ann am foghlam, bha e na Cheannard air Acadamaidh na Cananaich agus air Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann. Bha e cuideachd na Àrd-Oifigear air Comhairle Choitcheann Luchd-teagasg na h-Alba.
Thar nam bliadhnaichean tha e air a bhith an sàs gu mòr ann an leasachadh na Gàidhlig. Bha e na Chathraiche air Comhairle nan Sgoiltean Àraich, Comataidh Craolaidh na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Buidheann-Obrach Nàiseanta air gainnead luchd-teagasg anns a' Ghàidhlig. Chaidh ainmeachadh ann an 2013 mar bhall neo-eisimeileach na Rìoghachd Aonaichte air Comataidh Shàr-Eòlaichean Chairt Eòrpach nan Mion-Chànanan.
Anns an dàrna prògram dhen t-sreath, tha liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain MacIlleMhicheil do Mhata. Cluinnidh sinn cò an ceathrar a bheireadh esan gu dinnear, dè na nithean air a bheil e a' cur luach sònraichte agus mu aon sgil a mhiannaicheadh e ionnsachadh.
Last on
Broadcasts
- Thu 2 Nov 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 2 Nov 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Nov 201709:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 28 Oct 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 28 Oct 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Nov 201913:00BBC Radio nan Gàidheal