
Donalda NicComb
Iain Mac'illeMhìcheil le liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well known Gaels some very quirky questions.
Anns an t-sreath seo tha cothrom againn èolas a bharrachd, eòlas nas pearsanta 's dòcha, a chur air Gàidheil a tha aithnichte do luchd èisteachd Radio nan Gàidheil nan obair làitheil.
'S ann à Bòrnais ann an Uibhist a Deas a tha Donalda NicComb, agus tha i an-diugh aithnichte air sgàth 's a cuid saothair às leth foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba. Tha i na Ceannard air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu far a bheilear a' teagasg òigridh bho aois trì gu ochd-deug. Tha sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil ri fhaighinn an sin anns an aon thogalach.
Anns a' phrògram seo, tha liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain Mac'illeMhìcheil dha Donalda. Gheibh sinn a-mach dè na rudan a chuireadh iongnadh air daoine mu dèidhinn, dè an gnìomh a bu treise a rinn i riamh agus saoil cò an ceathrar a chòrdadh e rithe fhiathachadh gu dinnear agus carson?
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Broadcasts
- Thu 26 Oct 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 26 Oct 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Oct 201709:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 21 Oct 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 21 Oct 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Oct 201913:00BBC Radio nan Gàidheal