
Coinneach Diardaoin
An-diugh tha Coinneach air chuairt air Ionad Dàibhidh a' Ghearastain còmhla ri Alasdair Macleòid. A tour of the country's most famed diving school in Fort William.
An-diugh tha Coinneach air chuairt timcheall Ionad Fo-uisge a' Ghearastain ann an Loch Abar, far am bidh daoine a' tighinn bho air feadh an t-saoghail airson dàibheadh ionnsachadh, a' pàigheadh na mìltean notaichean airson teisteanas. Fhuair Coinneach sealladh air an àite còmhla ri Alasdair MacLeòid, Manaidsear an togalaich.
An t-seachdain sa ann an Steòrnabhagh, tha an Fhèis Litreachais, Faclan, ga chumail anns an Lanntair. A' fosgladh na fèis tha Daoine nan Àite (People in Place) far a bheil am fear eachdraidh, Fionnlagh Macleòid agus an dealbhadair aig a' phàipear naidheachd an Guardian Murchadh Macleòid a' comharrachadh dà fhichead bliadhna den chompanaidh Acair, a' coimhead air dealbhan eachdraidheil anns na h-Eileanan an Iar. Bha Coinneach an làthair agus ann an còmhradh leis an dithis aca.
Agus tha Anndra Robasdan a' bruidhinn mu dheidhinn Prìomhaire ùr Sealain Nuadh, Jacinda Arden. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 26 Oct 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 26 Oct 201721:13BBC Radio nan Gàidheal