
Coinneach madainn Dimàirt.
Beachd Ruairidh Alasdair MacGille Fhinnein air a' film ùr stèidhichte air bàs Iòsaph Stalin. Ruairidh Alasdair MacKinnon reviews a new film based on the death of Joseph Stalin.
Tha film ùr air nochdadh ann an taighean-deilbh na dùthcha mu bhàs Iòsaph Stalin. Ach se comadaidh a th'ann a film seo, stèidhichte, mas fhìor, air cò a ghabhas àite Stalin 's an Ruis, an dèidh dha bàsachadh. Tha e air a tharraing bhon nobhail Frangach, La Mort de Staline. Tha Ruairidh Alasdair MacGille Fhinnein air a bhith ga choimhead. Dè shaoil e dheth?
Tha Coinneach cuideachd air chuairt ann an sgìre Loch Abair, far an deach am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' chumail an t-seachdain sa chaidh, 's e a' bruidhinn ri Griogair Labhraidh. 'S ann am Baile a' Chaolais a' Tuath a tha Griogair a' fuireach, is e na fhear-ciùil is na sheinneadair. Ach tha e cuideachadh airson ath-nuadhachadh a thoirt air seann làrach-taighe faisg air far a bheil e a' fuireach. Cluinnidh Coinneach mu na planaichean aig Griogair airson ionad Gàidhlig is cultair, agus mu eachdraidh, dualchas agus òrain a tha a' buntainn ris an sgìre. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 24 Oct 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 24 Oct 201721:00BBC Radio nan Gàidheal