
Episode 2
Seumas Dòmhnallach le eachdraidh Tuil Mhòr an Eilein Sgitheanaich a thachair ann an 1877. James MacDonald hears about the 1877 Great Flood of Skye.
Air an 13mh là den Dàmhair 1877, bhuail tuil air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a rinn sgrios eagalach. Chaidh loidse an uachdarain ann an Ùige a mhilleadh
agus chaill fear de luchd-obrach na h-oighreachd a bheatha. Dh'fhalbh an tuil le drochaidean agus chaidh a mhòr chuid de seann chladh Ùige a sguabadh a-mach gu muir, a' sgaoileadh chnàmhan agus chuirp fad' is farsaing. Ann an Stafainn, b' fheudar do mhuinntir an àite am ministear a thoirt a-mach tro uinneig a' mhansa le ròpa leis cho àrd sa dh'èirigh an t-uisge.
'S ann à Stafainn a tha am fear-naidheachd Seumas Dòmhnallach agus anns an dàrna prògram den t-sreath seo, tha e airson an tuilleadh ionnsachadh mun tuil mhòr agus mu na thachair anns an sgìre aige fhèin.
Last on
Broadcasts
- Mon 23 Oct 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 23 Oct 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Oct 201713:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Oct 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Oct 201822:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Oct 201813:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 25 Jan 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 25 Jan 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Jan 202210:00BBC Radio nan Gàidheal