
Episode 1
Seumas Dòmhnallach le eachdraidh Tuil Mhòr an Eilein Sgitheanaich a thachair ann an 1877. James MacDonald hears about the 1877 Great Flood of Skye.
Air an 13mh là den Dàmhair, 1877, bhuail tuil air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a rinn sgrios uabhasach. Bha an tuil cho dona 's gun dh'fhalbh i le loidse an uachdarain ann an Ùige agus bhàsaich fear den luchd-obrach a bha na broinn. Chaidh drochaidean a mhilleadh agus chaidh a' mhòr chuid de seann chladh Ùige a sguabadh a-mach gu muir, a' fàgail seallaidhean uabhasach de chuirp agus de chisteachan briste air feadh an àite. Ann an Stafainn, b' fheudar do mhuinntir an àite am ministear a thoirt a-mach tro uinneag a' mhansa air ròpa leis cho àrd 's a dh'èirich an t-uisge.
'S ann à Stafainn a tha am fear-naidheachd Seumas Dòmhnallach agus, thar an dà phrògram a tha seo, tha e airson tuilleadh ionnsachadh mun tuil mhòr bho chlàran oifigeil agus bho mhuinntir na sgìre fhèin.
Last on
Broadcasts
- Mon 9 Oct 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 9 Oct 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Oct 201713:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 22 Oct 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 22 Oct 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Oct 201809:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 18 Jan 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 18 Jan 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Jan 202210:00BBC Radio nan Gàidheal