
Coinneach Dimàirt
Dè th' air fàire dha Catalonia agus dhan Spàinn? What next for Catalonia and Spain?
'S e Coinneach Mac a' Ghobhainn a th' anns a' chathair a-rithist an-diugh.
Le deasbad agus connspaid a' leantainn ann an Catalonia, tha sùilean an t-saoghail air a bhith air a' Spàinn o chionn ghoirid. Tha Riaghaltas na Spàinn a' cumail a-mach nach fhaod Catalonia a bhith na dùthaich neo-eisimeileach; ach, tha Riaghaltas Chatalonia ag ràdh gu bheil an còir aca sin a dhèanamh. Dè a-nise dhan Spàinn? Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' cluinntinn bho Derek MacAoidh mu mar a tha fèin-riaghladh ag obair ann an diofar sgìrean den Spàinn agus mar a tha sin a' cur ris an deasbad. Cuideachd, cluinnidh sinn bho fheadhainn a tha a' fuireachd ann an Andalucia, ann am Barcelona, agus ann a' Valencia airson am beachdan air a' ghnothaich a thrusadh.
Bidh Dòmhnall Iain Dòmhnallach a' mìneachadh dè th' ann an airgead air-loidhne leithid Bitcoins. Cionnas a tha an leithid ag obair, is ciamar a tha luach unnta?
Agus bidh an eachdraiche Niall Bartlett ag aithris air na bha a' dol san Ruis o chionn ceud bliadhna is Ar-a-Mach nam Bolshevik air fàire. Bidh e a' toirt sùil air a' bhuaidh a bh' aig gnothaichean air Fionnlainn.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 10 Oct 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 10 Oct 201721:00BBC Radio nan Gàidheal