
An t-Urr Dòmhnall M MacAonghais, Eaglais na h-Alba
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Micheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh an salm agus na laoidhean a leanas:
Salm 40 le Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, Ùrnaigh Naomh Proinsias air a sheinn le Seumas Caimbeul agus Seas Suas, Seas Suas le buill bho Chòisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu. Chuala sibh cuideachd Ciorstaidh Sheathach nach maireann a' seinn Dùisg Anam Dùisg.
Leughadh: Leabhar nan Gnìomharan 17:16-34
Ceann teagaisg:Leabhar nan Gnìomharan 17:21
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghàidhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntàta, càl agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-làithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
An t-Urr Dòmhnall M MacAonghais

Broadcasts
- Sun 1 Oct 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Oct 201715:00BBC Radio nan Gàidheal