
Episode 166
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain a dh'fhalbh, 100 bliadhna an ama sa. The events of the past week in World War One, 100 years ago.
Air an 24mh dhen t-Sultain 1917 chaidh 15 a mharbhadh agus 70 neach eile a dhroch ghortachadh ann an ionnsaighean a rinn pleànaichean agus Zeppelins Gearmailteach air Lunnainn. Thàinig na pleànaichean a-steach taobh Khent agus Essex, ach cha d'fhuair ach aon no dhà tro na loidhichean dìon. Dh'fheuch soithichean-adhar ri thighinn tarsainn Siorrachd Iorc agus cladach Siorrachd Lincoln eadar meadhan oidhche agus trì uairean sa mhadainn, ach chaidh an tilleadh mus d'fhuair iad nas fhaide a-staigh air an dùthaich.
An ath là thàinig am batal airson Rathad Menin, pàirt dhen Treas Blàr aig Ypres, gu ceann gu soirbheachail le ionnsaigh Ghearmailteach eile air a tilleadh. Cha b' ann gun phrìs a chaidh a' bhuaidh a ghleidheadh ge-tà le Eilean Liosmor a' call a' chiad shaighdear acasan sa chogadh, Dòmhnall Bochanan, aois seachd thar fhichead.
Agus mar a bha tric fìor sa Chogadh Mhòr, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse, 's gann gun robh aon bhlàr air tighinn gu ceann an uair a bha fear eile a' tòiseachadh, leis na ciad bhuilean gan leagail ann am Batal Coille Polygon, ceithir mìle an ear air Ypres air an 26mh den mhìos.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 280917
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 28 Sep 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 29 Sep 201711:50BBC Radio nan Gàidheal
