
Episode 165
Blàr Rathad Menin, Treas Blàr Ypres, a tòiseachadh air 20mh den t-Sultain 1917. The Battle of the Menin Road, The Third Battle of Ypres, begins on 20th September 1917.
Thòisich Blàr Rathad Menin, pàirt de Threas Blàr Ypres, air an 20mh den t-Sultain 1917. Bha comanndair Dara Arm Bhreatainn, an Seanalair Herbert Plumer, air plana a dhealbh airson faighinn seachad air siostam-dìon na Gearmailt, agus chaidh fheuchainn an toiseach sa bhlàr seo.
Chun a seo, cha robh na Gearmailtich a' dèanamh oidhirp mhòr sam bith air a' chiad loidhne aca a dhìon ach, nuair a bhristeadh na Breatannaich troimhe dhan dara loidhne, bha aonadan ghunnaichean-luath romhpa an sin a bha cur stad orra. Bha na Gearmailtich an uairsin a' tighinn air adhart luath on chùl - is mar as trice a' buannachd air ais an talamh a chaill iad. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a dh'atharraich Seanalair Plumer cùisean leis a' phlana ùir.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 210917
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 21 Sep 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 22 Sep 201711:50BBC Radio nan Gàidheal
