
Aileag
Tha clas sia is seachd à Sgoil Dhalabroig ag innse mun phròiseact sgoile aca mu na Lochlannaich. Daliburgh school pupils talk about their school project on the Vikings.
An-diugh còmhla ri Lisa agus sinn a' faighinn a-mach mu na làithean saora aig Arabella à Baile Mhanaich.
Gheibh sinn iomradh air na duaisean bhideo MTV.
Tha clas sia agus seachd à Sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas air pròiseact sgoile ùr a thòiseachadh mu na Lochlannaich agus cluinnidh sinn mar a tha a' dol dhaibh.
Tha prìomh naidheachd na seachdain gar toirt gu stoirm Harvey ann an Texas.
Agus tha Ceitidh air ais anns a' chidsin an t-seachdain-sa a' bhèiceireachd pancakes.
Òrain bho Justin Bieber agus Olly Murs. bbc.co.uk/aileag.
Last on
Music Played
![]()
Olly Murs
Unpredictable
- 24 HRS.
- 004.
![]()
Luis Fonsi
Despacito (Remix) (feat. Daddy Yankee & Justin Bieber)
- Despacito.
- 001.
![]()
Tide Lines
The Young And The Restless
- Dreams We Never Lost.
- Tide Lines Music.
- 012.
Reasabaidh – Pancakes (Foileagan)
Dà ugh
Ceud agus fichead grama flùr lom
300ml bainne
3 spàinean meadhanach-mòr siùcar (roghainneil)
Dòigh:
1. Cur am flùr agus an siùcar ann am bobhla, ach tro shìoltachan.
2. Buail na h-uighean agus cur ris a’ mheasgachadh. Cuairtich am measgachadh gus a bheil e coltach ri uachdar tiugh.
3. Teasaich greideal no pana neo-steigeach.
4. Cuir beagan uisge air greideal no air pana agus nuair a thòisicheas an t-uisge air bragadaich tha i deiseil airson na pancakes a chòcaireachd oirre.
5. Cleachd spàin-mhòr airson an taois a chur air a’ ghreideal a’ dèanamh cinnteach gun dòirt e bho ghob na spàine.
6. Nuair a thig builgein air mullach nam pancakes tha an t-àm an tionndaidh.
7. Nuair a tha iad deiseil, paisg ann an tubhailt iad.
Ith iad le silidh sùbh-lair agus uachdar air a bhualadh.
Katie deiseil airson tòiseachadh

Broadcasts
- Fri 1 Sep 201714:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 2 Sep 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
