Main content

Còmhla ri Lisa
Tha Dylan ag innse mun pheata annasach air a bheil an t-ainm Mark. Dylan talks about his unusual pet named Mark. bbc.co.uk/aileag.
Còmhla ri Lisa Wilson.
Cluinnidh sibh mu na cunnairt a tha an lùib mapaichean Snap Chat.
Turas Anthony gu Salou anns an Spàin.
Mar a chaidh Ruairidh air turas a dh gu gu gèam ball coise ann an Uibhist.
Mar a nì sibh cèicean Dealan Dè.
Am peata annasach aig Dylan air a bheil an t-ainm Mark.
Agus tha Coinneach an seo le prìomh naidheachd na seachdain. bbc.co.uk/aileag.
Last on
Sat 26 Aug 201712:00
BBC Radio nan Gàidheal
Music Played
![]()
P!nk
What About Us
![]()
Runrig
The Years We Shared
- The Story.
- Ridge Records.
Reasabaidh – Cèicean Dealan Dè
Grìtheidean:
Dà ugh
Ceud agus deich grama flùr-èirigh
Ceud agus deich grama ìm (no margarain)
Ceud agus deich grama siùcar mìn
Dà spain bheag fùdar-fuine
Airson a’ mhullaich:
Da cheud agus fichead grama siùcar còmhdachaidh
Ciad agus deich grama ìm
Rud beag bainne
Dòigh:
1. An toiseach dèan cinnteach gu bheil an àmhainn aig teas 180C
2. Cuir dusan cèisean cèic ann an treidhe.
3. Measgaich an siùcair, am flùr agus am fùdar-fuine ann am bobhla.
4. Cuir ris an t-ìm/margarain agus na h-uighean.
5. Cleachd spàin bheag agus lìon na cèisean leis an taois. Dèan cinnteach gu bheil gu leòr agad!
6. Cuir an treidhe anns an àmhainn airson còig mionaidean deug.
7. Nuair a tha iad air tionndadh donn, thoir a-mach às an àmhainn iad agus fàg gus am fuaraich iad.
8. Airson a’ mhullaich, cuir an t-ìm agus leth dhen t-siùcar ann am bobhla agus measgaich gu math. Cuir ann an còrr dhen t-siùcar agus steall bheag bhainne agus cùm a’ measgachadh.
9. Le sgian gheur, geàrr na mullaich far nan cèicean.
10. An uairsin geàrr na mullaich nan dà leth.
11. Liacraich an còmhdach measgaichte air mullach gach cèic.
12. Cur an dà mhullach air an gearradh air muin a’ chòmhdaich air gach cèic – ann an cumadh sgiathan Dealan Dè...
***Airson crìoch a chur orra, faodaidh sibh craiteachan siùcar còmhdaich a chrathadh air am muin***

Broadcasts
- Fri 25 Aug 201714:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 26 Aug 201712:00BBC Radio nan Gàidheal