
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Am bàrd, Dòmhnall Dòmhnallach ann an còmhradh ri Fred MacAmhlaigh ann an 1962. The bard Donald MacDonald in conversation with Fred Macaulay about his early life and poetry.
Tha leth-cheud bliadhna air an 13mh den Lùnastal 2017 bho bhàsaich am bàrd Dòmhnall Ruadh Chòruna. Rugadh is thogadh Dòmhnall Dòmhnallach, no Dòmhnall Ruadh Chorùna mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Dòmhnall ainmeachadh às deidh an àite san deach a thogail agus, a rèir choltais, chaidh Corùna a thoirt air a' chroit ri linn 's gu robh sinn-seanair Dhòmhnaill na shaighdear aig Blàr Chorùna san Spàinn ann an 1809.
Nuair a bha e 17, chaidh Dòmhnall dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr ann an 1914. Chaidh a leòn aig Blàr an Somme ann an 1916 agus cha deach e air ais chun loidhne-toisich an dèidh sin. Tha grunn math den bhàrdachd aige a' tarraing air an àm seo de bheatha agus tha cuid dhiubh sin ri chluinntinn sa chòmhradh aige seo le Fred Macamhlaigh ann an 1962.
Last on
Dòmhnall Ruadh Chorùna

Broadcasts
- Thu 10 Aug 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Aug 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Aug 201709:30BBC Radio nan Gàidheal