
Coinneach madainn Dimàirt
Cò bh' ann an Nikola Tesla agus carson a tha uaigh air connspaid adhbhrachadh ann an Serbia? Coinneach Maclomhair hears why Nikola Tesla's grave is causing controversy in Serbia.
Tha an t-innleadair ainmeil Nikola Tesla air a thiodhlaigeadh ann an taigh-tasgaidh ann an Serbia. Ach bho chionn ghoirid tha iarratas airson a ghluasad gu cladh air connspaid adhbhrachadh. Ach cò a bh' ann? Tha Murchadh Moireach ag innse beagan mu bheatha.
'S iomadh duine a bhlais bainne blàth bho ùth na bà thairis na bliadhnaichean, ach chaidh sin às an fhasan. An-diugh ge-tà, tha e coltach gu bheil bainne nach tèid atharrachadh neo a bhlàthachadh a' tilleadh gu cuid a sgeilpichean. Cluinnidh sinn bho thriùir a bha uair gu math eòlach air bleoghann na bà.
Cuideachd, tha e coltach gu bheil soithichean gun chriutha gu bhith a' marcachd cuain san àm ri teachd. Ach saoil a bheil a leithid comasach no sàbhailte?
Agus mu dheireadh tha an sgrìobhadair Aonghas Phàdraig Caimbeul air ais le leabhar ainmeil eile mu na h-Eileanan - an-diugh an leabhar aig Màrtainn Màrtainn mun turas aige a Hiort ann an 1697. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
![]()
Coinneach MacÌomhair 130617
Duration: 12:26
Broadcasts
- Tue 13 Jun 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 13 Jun 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
