
An Canan Dòmhnall MacAoidh le Seirbheis Didòmhnaich Càisg
Seirbheis Didòmhnaich Càisg bho 2002 còmhla ris a' Chanan Dòmhnall MacAoidh. Easter Sunday service from 2002 conducted by Canon Donald MacKay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
O seinnibh don Tighearna, Èirigh Bileag Ùr-ghorm agus Sìth le Còisir Eaglais Naomh Barr am Barraigh
Is Naomh, Naomh, Naomh Thu le Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil, Èirisgeigh
'S e 'n Tighearna mo Bhuachaille le Criosaidh NicDhòmhnaill
Do Làmh, a Chrìosda le Còisir Eaglais Naomh Peadair an Dalabrog
Leughaidhean: Corintianaich 1: 15-22
Eòin 20: 1-9
Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Màthair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e airson a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.
Chaidh Mgr. Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e 12 agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spàinn, a bha stèidhichte aig an àm sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd.
Chaidh Mgr. Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent son bliadhna, an turas sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna às dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-shagart Thomas Whynn. Bha Mgr. Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr. Niall agus Mgr. Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr. Iain MacNèill. Thill e air ais dhan Spàinn airson 6 bliadhna agus b' ann aig an àm sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca.
Ann an 1991, chaidh Mgr. Dòmhnall a chuir a Bhàgh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e 25 bliadhna na shagart. Bhàsaich a mhàthair dìreach beagan làithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an làthair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille, chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus ÈirisgeiGh.
Bha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-lìon, agus bha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gàidhealach agus cultur. Bhàsaich an Canan Dòmhnall MacAoidh air 17 Lùnastal 2017.
Last on
An Canan Dòmhnall MacAoidh

Broadcasts
- Sun 16 Apr 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Apr 201921:00BBC Radio nan Gàidheal