
Seirbheis Didòmhnaich na Càisge le Siùsaidh NicDhonnchaidh
Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach le Seirbheis Didòmhnaich na Càisge. An Easter Sunday service with Suzie Roberts, Baptist Church student.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
Alasdair Codona leis An t-Aiseiri
Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu le Moladh Dia.
Muriel Urchardan le O Nach Domhain Gràdh Gràsmhor Iosa
Buidheann seinn Seinneamaid Còmhla à Tòrabhaig - Falbh 's Inns' e air na Slèibhtean
Buidheann seinn Seinneamaid Còmhla ann an Stafainn - Tha 'n Cruthachadh mar Òran Dhè
Leughaidhean: Eòin 1: 10-18
Eòin 20: 24-29
Eòin 21: 15-17
Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Tha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a-nise a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a tha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Bidh i deiseil anns a' cholaiste anns an Ògmhios agus an uairsin gheibh i cead searmonachaidh anns an Iuchar. Tha Siùsaidh gu bhith stèidhichte ann an Dorset às dèidh sin far am bi paraiste aice dhi fhèin.
Last on
Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts
- Sun 16 Apr 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Apr 201715:00BBC Radio nan Gàidheal