
Alasdair MacIllEathain 1
Làithean-òige Alasdair MhicIlleathain ann an Siabost air taobh siar Eilean Leòdhais. Retired dentist Alasdair MacLean remembers his childhood in Lewis.
Thug Alasdair MacIlleathain còrr is dà fhichead bliadhna ag obair ann an saoghal an fhiaclaireachd ann an Alba, an dà chuid mar fhiaclair agus mar Rùnaire Albannach Comann Fiaclaireachd Bhreatainn, am BDA. Bho bhith a' socrachadh chloinne air an robh eagal bàis on fhiaclair gu bhith a' dèiligeadh le luchd-poilitigs ann an Dùn Èideann agus ann an Lunnainn bha sgilean Alasdair mar fhiaclair is mar fhear-rèiteachaidh air an cuIr an gnìomh rè na h-ùine sin. Leig e dheth a dhreuchdan ann am fiaclaireachd uile gu lèir ann an 2004. Sa chiad earrann de a sgeulachd-beatha ann an còmhradh le Catriona Mhoireach, tha e a' cuimhneachadh air làithean-òige ann an Siabost air taobh siar Eilean Leòdhais.
Last on
Broadcasts
- Mon 13 Feb 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 13 Feb 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Feb 201713:00BBC Radio nan Gàidheal