
Guthan Binn nam Bonn bho Mhòd nan Eilean Siar 1979 gu 2011
Na guthan seinn a choisinn buinn òir aig Mòdan Nàiseanta anns na h-Eileanan an Iar. Gold medal winners reminisce on their success at the National Mods in the Western Isles.
Tha Angela NicFhionghuin air a bhith a' còmhradh ri luchd-gleidhidh nam buinn òir aig Mòdan anns na h-Eileanan an Iar bho thàinig a' chiad Mòd dhan na h-Eileanan ann an 1979. Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn bhon tè a b' òige riamh a ghlèidh am bonn òir. Theab Murchadh Iain MacCoinnich an fharpais aige a chall còmhla ri exhaust a' char, agus chan eil dad ceàrr air drama a ghabhail tràth sa mhadainn ron fharpais chrìochnachaidh. Aig Mòd nan Eilean Siar ann an 2000 bha horo- gheallaidh aig Iseabail Anna Mhàrtainn, bha Coinneach MacNeacail a' seinn bho mhullach nan taighean agus cha tàinig là a dh'aois air Wilma NicUalraig ann am fichead bliadhna.
Last on
Broadcast
- New Year's Day 201721:30BBC Radio nan Gàidheal