
Episode 117
An soitheach Breatannach, an Alaunia, 's am bàt'-aigeil Gearmailteach, am Bremen, dhan call. WW1 events including the loss of Cunard's Alaunia and the German submarine Bremen.
Ann am Breatainn air an 19mh den Dàmhair chaidh an naidheachd ma sgaoil gu robh an Alaunia, soitheach le Cunard, air a cur fodha le mèinn a-mach bho Hastings ann a Sussex. Bha an Alaunia air a cleachdadh bho àm gu àm airson saighdearan a ghiùlain bho àite gu àite. Bha i ann an Gallipoli is on uairsin bha i air a bhith a' toirt shaighdearan à Canada agus Ameireagaidh a-null dhan Roinn Eòrpa. Air turas a crìch, bha i air an t-slighe à New York gu Lunnainn le 180 luchd-siubhail air bòrd agus mu 8,000 tunna carago. Cluinnidh sinn bho Ghillasbuig MacDhòmhnaill dè a thachair dhi.
Ann a Washington dh'aidich an luchd dioplòmasach aig a' Ghearmailt gu robh am bata-aigeil coimearsalta aca, am Bremen, air a call.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 201016
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 20 Oct 201623:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 21 Oct 201623:30BBC Radio nan Gàidheal
