
Episode 116
Am bàt'-aigeil U-53 ri sgrios agus dithis bhalaich MhicAoidh à Uibhist a Deas dhan call. WW1 events including German submarine attacks and two losses for the MacKays of South Uist.
Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse, bha naidheachd ann an Tìm an Òbain an t-seachdain sa ann a 1916 mu chall dithis san aon teaghlach goirid dha chèile sa chogadh. B' iad seo na gillean aig May Margaret, nighean Dhòmhnaill Dhòmhnaill Ruaidh, a' bhantrach aig Tormod Aonghais Dhonnchaidh à Àird a' Mhachaire. Chaidh Donnchadh, aois còig bliadhna fichead, a mharbhadh sa Fhraing air a' cheathramh latha deug den Iuchair. Chuir a bhràthair Dòmhnall, a bha a' sabaid dìreach ri thaobh, brath dhachaigh ag innse gu robh bàs Dhonnchaidh obann, gun chràdh. Aon latha deug an dèidh bàs Dhonnchaidh, chaidh Aonghas, aois bliadhn' air fhichead, a mharbhadh.
Agus bha am bàt'-aigeil Gearmailteach U-53 a' dèanamh call bho stiùir Hans Rose nuair a sgrios i còig soithichean a-mach bho Newport Rhode Island.
Ged nach deach beatha a chall, chuir an ionnsaigh seo eagal air Breatainn chionns gun do thuig iad an t-astar a rachadh bàtaichean-aigeil na Gearmailt. Chuir e fearg air na h-Ameireaganaich chionns gun do thachair e cho faisg air na cladaichean aca.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 131016
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 13 Oct 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 14 Oct 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
