
23/08/2016
An-diugh, banachdach HPV, Taoiseach ùr aig Clann MacIlleBhràìth agus naidheachdan film. Lunchtime news, debate, music and entertainment with Cathy MacDonald.
An-diugh, còmhradh mu bhanachdach HPV a thathas a' toirt do chlann-nighean òga, aois 12 gu 13, air feadh na rìoghachd mar dhìon an-aghaidh aillse muineal na machlaig. Dè dìreach a th' ann an HPV agus dè na ceistean as motha a bhios aig daoine mu dheidhinn? Bidh Iseabail NicAonghais, Oifigear Slàinte anns na h-Eileanan an Iar cuide ri Cathy airson bruidhinn mun sin.
Tha Comandair ùr air Cinneadh Clann MacIlleBhràìth. Buinidh Iain MacGilleBhràìth do thaobh sear Rois agus tha e 28 bliadhna a dh'aois. Bidh Iain a' còmhradh ri Cathy mu dè a tha e a' ciallachadh a bhith nad Cheann-cinnidh.
Bidh Ruaraidh Alasdair MacIllFhinnein air ais le naidheachdan film agus an t-seachdain seo tha e air a bhith a' coimhead "Lights Out" le Teresa Palmer, Gabriel Bateman, Maria Bello - sgeulachd eagallach mu nighean òg a tha feuchainn ri dearbhadh dè a tha a' cur dragh air a bràthair. Tha e cuideachd air sùil a thoirt air "David Brent: Life on the Road" le Ricky Gervais. Anns a' film, tha an caractar ainmeil, David Brent, bhon t-sreath telebhisean The Office, a-nise na sheinneadair ann an còmhlan-ciùil roc.
Sin agus ceòl gu leòr aig www.bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
![]()
Feasgar: Comanndair ùr aig Clann MhicGillebhràth
Duration: 18:04
Music Played
![]()
KT Tunstall
Maybe It’s A Good Thing
- KIN.
- Caroline, Sony/ATV Music.
- 3.
![]()
Dotan
Shadow Wind
- Single.
- Universal Music.
- 1.
![]()
Lissie
My Wild West
- My Wild West.
- Cooking Vinyl.
- 003.
![]()
Tall Heights
Spirit Cold
- Neptune.
- Sony Classical Records.
- 2.
![]()
Joseph
S.O.S. (Overboard)
- I’m Alone, No You’re Not.
- ATO Records.
- 002.
![]()
Bay & James
Craving
- Chaos and the Calm.
- 001.
Broadcast
- Tue 23 Aug 201612:33BBC Radio nan Gàidheal

