
Tha Alex John a' cluich Pokémon Go
Air prògram na seachdain seo tha Alex John a' cluich Pokémon Go. Alex John tries out Pokemon Go.
Tha Callum agus Alex John air ais air Aileag an-diugh agus am measg na tha air chlàr tha iad a' coimhead air adhart ris na Geamannan Oilimpigeach.
Tha Hannah air ais leis an t-sreath air vlogs agus an t-seachdain seo tha i a' bruidhinn mu dheidhinn Good Mythical Morning.
Ged a tha an aimsir math na làithean seo, tha amannan ann nuair a tha dòrtadh uisge ann agus chan fhaigh sibh a-mach air doras. Tha an dearbh chur-seachad aig Catrìona dhuibh airson an ùine a chur seachad agus i ag innse mar is urrainn dhuibh bobhla a chruthachadh a-mach à paper-machè.
Cuideachd tha Alex John a' feuchainn air a' ghèam ùr a tha air sgaoileadh air feadh an t-saoghail - Pokémon Go. Sin agus ceòl is fealla-dha gu leòr. bbc.co.uk/aileag.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Fri 22 Jul 201614:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 23 Jul 201612:00BBC Radio nan Gàidheal