
Blàr an Somme
Dòmhnall MacGilleMhoire a' meòrachadh air Blàr an Somme far na thuit bràthair a sheanmhar air a' chiad là den bhlàr. Donald Morrison reflects on the Battle of the Somme.
Tha a' chiad là de bhlàr an Somme air a' chiad là den Iuchar 1916 aithnichte mar an là a b' fhuiltiche riamh sa Chogadh Mhòr.
Chaidh trì fichead mìle duine a mharbhadh neo a leòn air a' chiad là sin. Am measg nam marbh bha Uilleam MacAoidh à Adabroc, Nis, Leòdhas agus Murchadh MacGriogar à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas. Tha Dòmhnall Uilleam MacGilleMhoire, a tha a' giulan ainm Uilleim MhicAoidh, bràthair a sheanmhar, a' meòrachadh air a' bhlàr agus a' coinneachadh ri Babs NicGriogair, ogha de bhràthair Mhurchaidh MhicGriogair. Tha iad le chèile a' coimhead airson a' chiad uair air an fhiolm Battle of the Somme, a chaidh a dhèanamh anns na làithean ron an ionnsaigh mhòr agus air a'chiad là den bhlàr. Nochd am fiolm seo dìreach beagan is mìos an dèidh a dhèanamh ann an taighean-deilbh air feadh Bhreatainn agus chaidh mu fhichead millean duine ga fhaicinn fhads a bha am blàr fhathast a' dol san Fhraing as t-samhradh 1916.
Last on
Clip
![]()
Blàr an Somme: Babs NicGriogair
Duration: 02:00
Puing Stad / Bullet Points
Ciad Puing...is abair luaths!
saighdear a' comhartaich suas nam chluas
muigh leis a' chù 's mi dìreach gabhail anail
aodainn dearga timcheall oirnn 's am fear seo fhathast a' rànail
Step Up! Step up! Laigh! Ruith! Seas!
Fàilte gu Pàirc nam British Military Fitness
Dàrna Phuing...duilich a' ghairm
a thug saighdear steach dhan bhun-sgoil moladh cothroman an Airm
Ma tha cogadh air curriculum nach èisd sinn measg an stùr
nam bailtean briste 's craobh na theine, ris an Òigear bruidhinn on Ùir?
cho coltach ri mo mhac, le kalashnikov 's e naoi
'chan eil acras orm air sabaid Ma. Lorg rud nach losgadh chaoidh'
Treas Puing ...chan eil ach single malt
gam chumail blàth aig bus-stop taobh a-muigh The Halt
Ball-coise ann an Kenya, cuairt troimh Belize
Sanas-reic le àitean tarraingeach am meadhan am Big Freeze
Cead-siubhal gu California airson na Training Ops
Ach gheibh thu brògan tacaideach an àite na Flip - Flops
Ceathramh Puing ...tha obraichean gann
's beag an t-iognadh ma tha thu òg gum bi thu fàs fann
Cha bhi thu eòlach, cleachdte, siubhlach gu leòr
siud balach eile sìos gu Catterick 's a mhàthair bhochd na deòir
Chuir e làimh ri phàipear agus barail fhèin na peilear
spòrs a nis troimh choilltean far nach deàn an smeòrach ceilear...
Còigeamh Puing ...duilich ri ràdh
suidheadh balach agamsa le Call of Duty fad an là
Tha seòmar-caidil nis na Battlefield is saighdearan na cheann
a' ruith air feadh a bhruadairean 's na sràidean muigh gun chlann
Bidh nàimhdean 'n àite nàbaidhean dèan sùil oirbh bho gach cùil
so glasaibh sìos an uinneag 's dùinibh dorsan air ur dùil
Puing Stad...anns a'bhad!
Tha bomaichean nar sgoiltean, taighean, eaglaisean air fad
Gar dìonadh is gar marbhadh ann an aimn Regina Rex
tick tock tha'n tìde ruith oirnn agus cunnart 's a' Chomplex
Tha làn fhios aig na Gàidheil mu dheidhinn, an seo 's thall air tìr chèin
cur oirnn àparan a' bhuidsear an aghaidh an daoine againn fhèin.
Broadcasts
- Thu 30 Jun 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 30 Jun 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jul 201609:30BBC Radio nan Gàidheal

