Episode 15
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through some of the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram mu dheireadh dhen t-sreath tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Linne C. NicLeòid à Peairt, agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair.
Cluinnear cuideachd earrann bho "Laithean Geala" le Murchadh MacLeòid nach maireann - leabhar beag snog air an robh clann sgoile air feadh Alba a bha fileanta ann an Gàidhlig eòlach aig aon àm - air a leughadh le Catrìona Mhoireach, agus bidh Ruairidh MacIlleathainn a' toirt sùil eile air ainmean-àite na h-Alba.
In the final programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Linne C. MacLeod from Perth, about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.
Also in this week's programme, listeners can enjoy one more chapter from "Laithean Geala" - Murdo Macleod's charming book which was at one time well-known to Gaelic-speaking schoolchildren throughout the country - read by Catriona Murray, and Roddy MacLean, whom many listeners will know from "Litir do Luchd-ionnsachaidh" will take a closer look at some of Scotland's Gaelic placenames.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
Clips
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 16:19
![]()
Beag air Bheag: Sreath 4: Prògram 15
Duration: 56:31
![]()
Beag air Bheag: Sùil air a' Mhapa 15
Duration: 02:09
![]()
Tar-sgrìobhadh: Lorgan M’ Òige
Duration: 01:23
Tar-sgrìobhadh: Lorgan M’ Òige
Màrtainn Dòmhnallach
Màrtainn : Litir bhom mhàthair gu a bràthair, uaireigin as t-samhradh an 1942.
“Chaidh mi fhìn is Màrtainn air picnic suas gu mullach Beinn a’ Chlèibh an latha roimhe. Latha àlainn a bh’ ann, is chitheamaid a-null gu Geàrrloch. Bha Màrtainn a’ toirt a chreidsinn air fhèin gu robh e gad fhaicinn air drochaid a’ bhàt’ ann an Loch Iù. Saoil am b’ urrainn dhut oilisgin bheag a lorg dha an àiteigin? Chan eil gin am Port Rìgh. Naoi òirlich fichead a dh’fhaid’. Tapadh leat son a’ phìos sitheann. Tha e a’ bruich san àmhainn an-dràsta is deagh fhàileadh às. Bidh e againn air ar dìnnear a-nochd.”
Gu h-iongantach, tha fìor chuimhn’ agam air an latha ud – is dòcha a chionn ’s nach robh mi riamh roimhe cho fada mach am monadh, no cho àrd is gum faicinn a’ mhuir a’ sìneadh a-mach gu fàire. Latha àlainn a bh’ ann gun teagamh, is chitheamaid Geàrrloch thall mu ar coinneamh gun dragh sam bith. Is bha Loch Iù, far an robh bràthair mo mhàthair an ceann criuthaichean a lorg do chonvoyan na Ruis, beagan na b’ fhaid’ às air cùl a’ Rubha. Is a’ tionndadh mu dheas, chitheamaid na caoil a’ snàgail eadar Ratharsair is an t-Eilean Sgitheanach, gu ruige Scalpaigh. Is an uair sin a’ lùbadh air a’ chùl, sìos dhan a’ Chaol, far an robh m’ athair air tuga.
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 14
Turas Cabhagach
“O, nach iongantach gu feumadh siud tachairt an-dràsta”, arsa Calum, agus dòrn a bhus air, “dìreach an uair bu mhotha a bha mo chabhag!”
“Tha thu fhèin a’ bòstadh, agus a’ dèanamh uaill gun sgur gu bheil thu cho math gu èirigh anns a’ mhadainn”, arsa Màiri; “nan robh thu air èirigh an uair a bha còir agad an-diugh, cha ruigeadh tu leas tarraing cho cruaidh a thoirt air do bharrallan. Is beag an t-iongnadh ged a bhriseadh tu iad, agus is math an airidh.”
Bha Calum bochd bog, balbh, sàmhach. Bha làn fhios aige nach robh math dha facal a ràdh, seach gun d’fhuair Màiri seo air. Is ann a bha e dìreach air a mhaslachadh agus air a thàmailteachadh gu robh Màiri air a cois cho tràth, agus e fhèin is srann aige gu deich uairean.
“Leig thusa leis, a Mhàiri”, ars an athair, “nam bitheadh fhios agad cho trang ’s a bha Calum fad an latha an-dè, a’ ruith nan caorach agus gan rùsgadh, cha ghabhadh tu iongnadh ged a bhitheadh e sgìth an-diugh, agus ged a bhiodh feum aige air barrachd cadail. Chan eil ann ach Didòmhnaich co-dhiù, agus chan eil dad aige ri dhèanamh an-diugh ach a dhol don eaglais.”
“Is fheàrr dha sgoinn a chur air, ma-tà”, arsa Màiri, “air neo cha chluinn e searmon an-diugh. Tha e leth-uair an dèidh deich, agus tha an eaglais a’ dol a-steach aig aon uair deug.”
Bha Màiri dìreach air a làn dòigh gun d’fhuair i an cothrom seo air spòrs a dhèanamh air Calum bochd, ach cha b’ fhada gus an do ghabh i truas ris. Bha esan a’ rùrach a-staigh fon bheingidh, feuch am faigheadh e barrall eile a chuireadh e na bhròig. Rug ise air tè de na brògan aice fhèin, agus spìon i aiste am barrall.
“Siud agad fear, a Chaluim”, ars ise, agus i dèanamh lasgan gàire," math an aghaidh an uilc. Cha toireadh tu fhèin dhomhsa fear ged thigeadh orm sreang gheal a chur nam bhròig!”
Cabhag ann no cabhag às, cha b’ e teaghlach Sheumais an fheadhainn mu dheireadh a ràinig an eaglais an latha ud. Bha e dìreach còig mionaidean gu aon uair deug an uair a chaidh iad a-steach air an doras mhòr. Chuir Seumas an triùir eile a-steach roimhe, agus shuidh e fhèin aig ceann an t-suidheachain, mu mheadhan na h-eaglaise, agus mu choinneamh na cùbaid.
A. Cha ruig thusa a leas cabhag idir a bhith ort fhad ’s a bhitheas tu a’ freagairt nan ceistean seo - is ann as fheàrr a nì thu iad:
1. Dè an t-ainm eile a tha againn air Didòmhnaich?
2. Càit an robh Calum a’ dol an latha seo?
3. Cò bha a’ dol còmhla ris?
4. Cò bhitheas a’ dol còmhla riutsa an uair a bhitheas tu a’ dol an seo?
5. Cuin a ràinig iad an t-àite seo?
6. Dè dh’fhàg Calum cho fada gun èirigh?
7. Carson a dh’fheumadh e sgoinn a chur air?
8. Carson nach robh Calum air a dhòigh?
9. Ciamar a thachair seo?
10. Dè am beachd a bha aig Màiri air a’ ghnothach?
11. Carson a bha ise mar seo?
12. Càit an robh Calum a’ lorg an rud a bha dhìth air?
13. Càit an d’fhuair e seo mu dheireadh?
14. Càit an do shuidh Seumas?
15. Càit am bi thusa a’ suidhe anns an eaglais?
16. Cuin a bhitheas tu a’ falbh innte?
17. Cuin a bhitheas tu a’ tilleadh aiste?
18. Càit a bheil i?
19. Cia mheud doras agus uinneag a tha oirre?
20. Saoil cia mheud suidheachan a tha innte?
B. Bi air leth faiceallach fhad ’s a bhitheas tu a’ sgrìobhadh nan sreathan seo. Chan e nach eil thusa daonnan mar sin, ach cuimhnich gu bheil cuid de na facail a tha thu dol a chur am feum gu math meallta!
1. Tha e ann an Glaschu an-dràsta, ach .... e dhachaidh aig Nollaig.
2. Tha a phiuthar aig an taigh, ach .... i don Òban as t-samhradh.
3. “.... thu null air an fhadhail, agus .... thu sin.
4. .... dhomh an t-airgead ’s gun .... mi don bhùthaidh.
5. Ma .... mi dhut an t-airgead, an .... thu a cheannach an arain?
6. Ma .... thu do dhìcheall, molaidh a h-uile duine thu.
7. Cò tha dol a dhèanamh sin dhut? Chan eil duine, .... mi fhèin e, .... agam air math gu leòr.
8. “Teann a-nall ’s .... dhomh do làmh, is .... mi sgrìob a dh’Uibhist leat.”
9. Ma .... mi don sgoil, .... mi leam mo leabhraichean.
10. .... thusa leat còta Dhòmhnaill, agus .... mise am fear seo dhàsan.
11. Bha e còig mionaidean gu aon uair deug an uair a .... iad an eaglais.
12. An uair a .... sinn an eaglais am màireach, .... sinn a-steach innte.
C. Sgrìobh a-nis iomradh goirid mu na bha thu fhèin a’ dèanamh Didòmhnaich-sa chaidh, cuin a dh’èirich thu, dè an t-aodach a chur thu ort, cuin a ghabh thu do bhracaist, cuin a chaidh thu don eaglais, cò chaidh còmhla riut, cò a chunnaic thu, cuin a ghabh thu do dhìnneir agus mar sin.
Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Biadh Annasach
Ailean: Tha cuimhn’ a’m mo bhràthair, chaidh e sìos gu àite ann an Stockbridge o chionn dhà no trì bhliadhnachan, agus cheannaich e reòiteag. Chan eil cuimhn’ a’m dè bh’ anns an reòiteag, ach rudeigin meadhanach neònach.
Cathy: Man feamainn.
Ailean: O, rudeigin mar sin. Agus tha cuimhn’ a’m cuideachd gun do cheannaich e feòrag!
Cathy: Feòrag?!
Ailean: Feòrag! Agus bha e caran neònach, chuir e ann an risotto e. Thill e dhachaigh is ... rud neònach bha seo ... chan aithnicheadh sibh buileach dè rud a bh’ ann – bha e caran coltach ri rodan, agus bha an t-earball air a bhith air a thoirt dheth, ’s bha a h-uile sian ... bha an ceann air a bhith air a thoirt dheth. Ach an uair sin, chitheadh sibh caran is an uair sin ... bha e gu math dorcha, cha mhòr mar gum biodh ... oh chan eil fhios a’m, caran mar gum biodh coineanach no rudeigin. Dh’ith sinn e – ach an uair sin nuair a dh’ith esan e ... fhuair e am peilear! Bha am peilear fhathast na bhroinn. Ach tha mi smaointinn gu bheil rudan mar sin meadhanach fasanta. Cha chanainn gun ithinn feòrag ann an risotto a-rithist.
Cathy : Chan ithinns’ feòrag, mar a thuirt am fear eile, full stop!
Sùil air a' Mhapa 15
Motherwell ann an Siorrachd Lannraig. Tobermory ann an Muile. Dè tha anns a’ chumantas eadar an dà ainm sin? Uill, tha iad an ìre mhath co-ionann. Tha iad le chèile a’ ciallachadh ‘well of the Virgin Mary’. ’S e a’ Ghàidhlig air Motherwell Tobar na Màthar ‘the well of the mother’. Tha an t-ainm a’ comharrachadh seann tobar a bha co-cheangailte ri Moire, Màthair Ìosa. Bha an tobar far a bheil Ladywell Road an-diugh. Tha Ladywell cuideachd a’ ciallachadh ‘Tobar na Màthar’. Tha grunn àiteachan ann am Breatainn air a bheil ‘Ladywell’ mar ainm. Bha na seann daoine gu tric a’ dèanamh ceangal eadar tobraichean agus naomh, no pearsa às a’ Bhìoball. Bha tobraichean fìor chudromach agus bha feadhainn dhiubh prìseil do na daoine eadhon mus tàinig Crìosdachd.
Agus Tobermory ann am Muile? Uill, tha sin follaiseach gu leòr, nach eil? Tobar Mhoire ‘the well of Mary’. A-rithist bha tobar ann a bha co-cheangailte ri Moire.
Chan eil baile seach baile – Tobar na Màthar no Tobar Mhoire – a’ nochdadh air na mapaichean as sine de dh’Alba. Cha robh na bailtean mòr aig an àm sin. Tha iad a’ nochdadh anns an t-seachdamh agus san ochdamh linn deug – ach chanainn gun robh na h-ainmean fhèin air bilean an t-sluaigh airson ùine mhòr roimhe sin. Agus air na fìor sheann mhapaichean, chan e ‘Mull’ a th’ air an eilean, ach ‘Mula’ – coltach ris a’ Ghàidhlig. Tapadh leibh airson èisteachd.
Oisean a’ Ghràmair 15: Notaichean
1. –ADH (‘would / could’)
Ailean Dòmhnallach (‘Feasgar: Biadh Annasach’)
“Thill e dhachaigh is (an) rud neònach bha seo ... chan aithnicheadh sibh buileach dè rud a bh’ ann. Ach an uair sin chitheadh sibh … bha e gu math dorcha, cha mhòr mar gum biodh ... oh chan eil fhios a’m, caran mar gum biodh coinneanach no rudeigin.”
“He came home with this strange thing … you couldn’t quite recognise/identify what it was. But then you could see … it was quite dark, almost as if, oh I don’t know, kind of like a rabbit or something.”
Eisimpleirean eile:
AITHNICH ‘recognise, identify’
Dh’aithnicheadh esan a h-uile duine a bha ann.
‘He could recognise / would recognise everyone that was there.’
Chan aithnicheadh tu dè bha fon phlaide.
‘You couldn’t identify what was under the blanket.’
ITH ‘eat’
Dh’itheadh a’ chlann rud sam bith.
‘The children would eat anything.’
A bheil feòil sam bith ann nach itheadh sibh?
‘Is there any meat you wouldn’t eat?’
CLUINN ‘hear’
Chluinneadh tu tàirneanaich fad às.
‘You could hear thunder away in the distance.’
Cha chluinneadh sibh buileach de bh’ ann.
‘You couldn’t quite hear what it was.’
DÈAN
Dè dhèanadh tu mura robh thu ag obair?
‘What would you do if you weren’t working?’
Cha dhèanadh e diofar sam bith co-dhiù.
‘It wouldn’t make any difference anyway.
FAIC ‘see’
Chitheadh tu sneachd air na beanntan.
‘You could see snow on the hills.’
Am faiceadh sibh mòran de na bha a’ dol?
‘Could you see much of what was going on?’
2. –INN (–adh + mi) & –AMAID (-adh + sinn) (‘I would’ & ‘We would’)
(Faicibh cuideachd BEAG AIR BHEAG 3, Prògraman 9 & 10.)
Ailean Dòmhnallach (‘Feasgar: Biadh Annasach’)
“Cha chanainn gun ithinn feòrag ann an risotto a-rithist.”
“I couldn’t say that I would eat squirrel in a risotto again.”
Cathy Dhòmhnallach (‘Feasgar: Biadh Annasach’)
“Chan ithinns’ feòrag, mar a thuirt am fear eile, full stop!”
“I wouldn’t eat squirrel full stop (as they say).” (‘as the other fellow said’)
Màrtainn Dòmhnallach (‘Lorgan M’ Òige’):
“Latha àlainn a bh’ ann, is chitheamaid a-null gu Geàrrloch.”
“It was a beautiful day, and we could see over to Gairloch”.
“Latha àlainn a bh’ ann gun teagamh, is chitheamaid Geàrrloch thall mu ar coinneamh gun dragh sam bith.”
“It was a beautiful day, certainly, and we could see Gairloch over across from us without any problem.”
“Is a’ tionndadh mu dheas, chitheamaid na caoil a’ snàgail eadar Ratharsair is an t-Eilean Sgitheanach.”
“And turning west we could see the kyles slinking between Raasay and Skye.”
“Bha an t-adhar gorm gun sgòth ach gun robh strìochd fhada de cheò bàn a’ sìor leudachadh àrd, àrd os ar cionn. Cho àrd is nach cluinneamaid einnsean a’ phlèan.”
“The sky was blue without a cloud, except that there was a long trail of white vapour getting wider and wider high up above us. So high that we couldn’t hear the plane’s engine.”
Eisimpleirean eile:
AITHNICH ‘recognise, identify’
Dh’aithnicheadh mi: DH’AITHNICHINN
Dh’aithnicheadh sinn: DH’AITHNICHEAMAID
Dh’aithnichinn a h-uile duine a bha ann.
‘I could identify / I would identify everyone that was there.’
Chan aithnicheamaid dè bha fon phlaide.
‘We couldn’t identify / wouldn’t identify what was under the blanket.’
ITH ‘eat’
Dh’itheadh mi: DH’ITHINN
Dh’itheadh sinn: DH’ITHEAMAID
Dh’ithinn rud sam bith.
‘I would eat anything.’
Chan itheamaid feòil sam bith nach robh air a bruich gu ceart.
‘We wouldn’t eat any meat that wasn’t properly cooked.’
CLUINN ‘hear’
Chluinneadh mi: CHLUINNINN
Chluinneadh sinn: CHLUINNEAMAID
Chluinninn tàirneanaich fad às.
‘I could hear thunder away in the distance.’
Cha chluinneamaid buileach de bh’ ann.
‘We couldn’t quite hear what it was.’
DÈAN ‘do/make’
Dhèanadh mi: DHÈANAINN
Dhèanadh sinn: DHÈANAMAID
Dè dhèanainn às d’ aonais?
‘What would I do without you?’
Dè dhèanamaid às aonais satnav?
‘What would we do without satnav?’
FAIC ‘see’
Chitheadh mi: CHITHINN
Chiteadh sinn: CHITHEAMAID
Chithinn sneachd air na beanntan.
‘I could see snow on the hills.’
Chan fhaiceamaid mòran de na bha a’ dol.
‘We couldn’t see much of what was going on.’
CAN ‘say’
Chanadh mi: CHANAINN
Chanadh sinn: CHANAMAID
Chanainn gur e mearachd a bh’ ann.
‘I would say it was a mistake.’
Chanamaid An Tunnag ris.
‘We would call him / We used to call him The Duck.’
Thoiribh an aire:
Cleachdaibh –INN an àite –adh mi
m.e. Dhèanainn, Chithinn, Chanainn, Bhithinn etc
Cleachdaibh –ADH SINN NO –AMAID
m.e. Dhèanadh sinn, Chitheadh sinn, Chanadh sinn, Bhitheadh sinn etc.
NO Dhèanamaid, Chitheamaid, Chanamaid, Bhitheamaid etc
Abairt na Seachdain
Na feann am fiadh gus am faigh thu e!
Broadcasts
- Sun 26 Jun 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 29 Jun 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 29 Jun 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jul 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Oct 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 12 Oct 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 12 Oct 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Oct 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Oct 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Oct 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Oct 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Oct 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.



