Main content

Episode 14

Episode 14 of 15

Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through some of the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Pàdruig Langam à Fiofa agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan bho phrògraman à tasglann Radio nan Gàidheal.

In this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Patrick Langam from Fife about his learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.

Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.

Available now

55 minutes

Last on

Sun 3 Oct 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne

Gàrradh Iapanach


Derek : Is mu dheireadh an dràst’, tha obair ga dhèanamh gus gàrradh àraid Iapanach air cnoc Albannach a chàradh. Chaidh an gàrradh aig Caisteal Cowden ann an Siorrachd Chlach Mhanainn a chruthachadh anns na ficheadan, ’s thuirt eòlaiche gur e seo an gàrradh as cudromaiche air taobh siar an t-saoghail air fad. Tha Karen Elder ag aithris.


Karen: ’S e pìos beag de dh’Iapan a tha seo air cnoc Albannach. Anns na ficheadan, fhuair a’ chiad ghàirnealair boireann Iapanach, Taki Handa, coimisean bho Ella Christie gus an gàrradh a chruthachadh – ach chaidh a mhilleadh le bleigeartan anns na trì ficheadan. ’S ann an-dràsta fhèin a tha tè a tha càirdeach ri Ella Christie airson ’s gun tèid a chàradh, agus tha i air iomairt a thòiseachadh. Tha daoine air tighinn bho air feadh an t-saoghail gu saor-thoileach, nam measg, an t-Ard Ollamh Fukohara bho Oilthigh Osaka, a tha na eòlaiche air gàrraidhean Iapanach. Tha e fhèin ’s a sgioba air tadhal air a’ ghàrradh trì tursan. Chuir iad craobhan is lusan, chàraich iad an Loch, agus an taigh tì, agus chuir iad geata fàilteachaidh ùr ann. Ach, tha mu mhillean nota fhathast a dhìth air an iomairt, mus tèid aca ris a’ ghàrradh fhosgladh chun a’ phobaill son a’ chiad triop ann an leth-cheud bliadhna.

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 14

“Èirich is Cuir Umad”


“Am fear a bhitheas fada gun èirigh, bidh e na leum fad an latha”, arsa màthair Nèill, agus i a’ toirt crathadh math air a ghualainn aig cairteal gu deich madainn Disathairne; “a bheil guth agad idir air èirigh, a chaomhain? Fhuair thu cupa airson ruith is leum, is tu a fhuair, ach cha tig an latha a gheibh thu fear airson a bhith ag èirigh tràth anns a’ mhadainn. Siud thu, ma-tà, a luaidh, is gun tèid sinn greiseag don mhonaidh. Cha bu tu Calum Bàn, is fhada bho bha e fhèin is athair air cùl na beinne. Sin agad gille sunndach, èasgaidh.”


Is ann a chuireadh e iongnadh ort nam faiceadh tu cho luath ’s a leum Niall sìos an staidhre a’ mhadainn ud. “Nach mi tha às mo rian ", ars esan ris fhèin, “a’ cosg nan làithean buidhe anns an leabaidh, agus na tha agam ri dhèanamh - iasgach is snàmh is cluich, beanntan ri dhìreadh, sgothan ri sheòladh, caoraich ri chruinneachadh, coineanaich ri ghlacadh is bodaich ri spòrs fhaighinn orra. Cha bhi an ùine ach goirid gu leòr ged nach bithinn a’ cadal idir.”


Chan fhaigh muinntir Sheumais air Calum a chumail anns an leabaidh ged bu bhuidhe leotha e. Tha esan ag èirigh tràth co-dhiù, ach gu seachd àraidh an latha nach bi sgoil ann. Chan e sin do Mhàiri e - chaidleadh ise gu meadhan-latha nam faigheadh i cothrom, agus chan eil teagamh nach dèanadh i sin cuideachd, mura b’ e an t-eagal gun tòisich Calum air tarraing aiste airson i bhith cho anmoch ag èirigh.


Chan iarr Calum fhèin ach a bhith ri caran air choireigin, agus bha e air a làn dòigh an uair a chuala e gur ann Disathairne a bha dùil aig athair na caoraich-uan a rùsgadh. Bha iad a-mach le chèile aig cairteal gu ochd, agus deamhais an t-aon aca nan dòrn agus “Dìleas”, an cù dubh, air an sàil.


“A bheil thu air èirigh, a Mhàiri?” arsa Calum, an uair a thàinig e fhèin is athair dhachaidh gu an dìnneir air chùl dà uair dheug, “nach tu rinn a’ mhocheirigh an-diugh!”


“Cha do chuir mise dragh oirre gus an robh e leth-uair an dèidh naoi”, fhreagair a mhàthair, “bha i cho sgìth, an truaghag.”


“Tha diofar mòr, a mhàthair, eadar sgìos is leisg”, arsa Calum.


Cha tuirt Màiri bhochd diog, ach mo làmh-sa gu faigh i cothrom air fhathast. Is math gu bheil i a’ tuigsinn nach eil a bràthair ach ri fealla-dhà, ged a tha e ladarna!


A. Tha fhios nach cùm an cadal thu fhèin gun na ceistean seo a fhreagairt gu h-èasgaidh.
l. Cò dhùisg Niall anns a’ mhadainn Disathairne?
2. Dè an uair aig an deach a dhùsgadh?
3. Cuin a chaidh thu fhèin a dhùsgadh an-diugh?
4. Carson a bha Niall cho luath a’ cromadh na staidhre?
5. Dè bha dùil aige a dhèanamh fhad ’s a bhitheadh an sgoil dùinte?
6. Dè bha a mhàthair ag iarraidh air a dhèanamh?
7. Dè tha dùil agadsa a dhèanamh fhad ’s a bhitheas an sgoil dùinte as t-samhradh?
8. Cuin a bhitheas Calum ag èirigh?
9. Carson a bhitheas Màiri ag èirigh rudeigin tràth?
10. Cuin a dh’èireadh i mur b’ e seo?
11. Càit an deach Calum agus athair madainn Disathairne?
12. Dè thug orra a dhol ann?
13. Cuin a chaidh iad ann?
14. Dè thug iad leotha?
15. Cò chaidh còmhla riutha?
16. Cuin a thàinig iad dhachaidh gu an dìnneir?
17. Cuin a dh’èirich Màiri?
18. Dè an t-ainm a tha air cù Chaluim?
19. Dè an t-ainm a tha air a’ chù agaibh fhèin?
20. Dè bhitheas na coin ag ithe?


B. Ma chanas mise geal, canaidh tusa dubh! Dè nis na facail a chuireadh tu anns na sreathan seo?
1. Tha an t-uisge glan, ach tha am poll ....
2. Is ann caol a tha an cù, ach tha an laogh ruadh ....
3. Is e aodach tana a tha ann an sìoda, ach is e aodach .... a tha ann an clò.
4. Tha a sheanair beò fhathast, ach tha a sheanmhair ....
5. Is e rud milis a tha ann an siùcair, ach is e fìor bhlas .... a tha air beàrnan-brìde.
6. Tha e duilich beinn a dhìreadh, ach is e rud .... a tha ann cnoc a dhìreadh.
7. Is toigh leam rud ...., ach is .... orm rud grànda.
8. Tha an sgian agadsa geur, ach cha gheàrr mise mòran leis an tè agam fhìn - tha i cho ....
9. Is ann gu math fliuch a bha i an-dè, ach tha sinn an dòchas gum bi i .... a-màireach.
10. Is ann cumhang a tha an loch, ach tha an cuan ....


C. Càit am faiceadh tu iad seo?

1. màl
2. innean
3. àrd-doras
4. seotal
5. sparran
6. iris
7. tobhta
8. barrall
9. cearcall
10. teadhair

Tar-sgrìobhadh: Breab do Rapal

Ruairidh: A’ fuireach anns na Hearadh agus dè tha thu ris bho latha gu latha anns na Hearadh?


Amy: O chan eil mòran, dìreach dol dhan sgoil, agus mura h-eil mi san sgoil, bidh mi ’s dòcha a’ cluich a’ bhocsa no, chan eil fhios a’m, seinn, ’s dòcha dol a choiseachd, no ag obair air na caoraich no rudeigin mar sin.


Ruairidh: Seadh, an toil leat a bhith, fhios agad, air a’ chroit gu math tric...


Amy: O, ’s toil.


Ruairidh: Seadh, an e, fhios agad, sin do bheò-shlàint’, an e, a bhith air a’ chroit ’s dòcha anns an àm ri teachd? Am biodh tu ag iarraidh sin a dhèanamh mar obair?


Amy: O uill, chan eil fhios a’m! Chan eil fhios a’m! Tha mi ga fhaireachdainn gu math mì-chàilear sa gheamhradh, a bhith air a’ chroit, ’s a h-uile càil, is na bòtainnean a’ faighinn fliuch is a h-uile càil mar sin ...


Ruairidh: Agus tha e cho rag ’s a ghabhas ...


Amy: O tha, tha e cho rag, yeah, agus tha àm breith nan uan gu math trang.


Ruairidh: Agus a bheil sin a’ dol air adhart mun àm seo dhan a’ bhliadhna, an e?


Amy: Chan e, ’s e anns a’ Ghiblean.


Ruairidh: Anns a’ Ghiblean, o ’s e, ’s e. Nuair a dh’fhàsas cùisean nas blàithe agus tha iad a’ fàs beagan nas toilichte, na caoraich bochd, eh?!


Amy: O tha, nach eil?

Sùil air a' Mhapa 14

Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Tasmania, ’s iomadh beinn air an robh mi a bh’ air a h-ainmeachadh an dèidh rìgh no banrigh no neach ainmeil ann an eachdraidh na h-Ìmpireachd. Mar eisimpleir, Mount King William, Mount Victoria, Mount Wellington. Cha b' e sin an cleachdadh aig na Gàidheil, ge-tà. ’S e glè bheag de dh’ainmean-àite mar sin a th’ againn air a’ Ghàidhealtachd.


Anns an Eilean Sgitheanach, tha cuid de mhullaichean anns a’ Chuiltheann a’ giùlain ainmean sreapadairean ‘climbers’. Mar eisimpleir, Sgùrr Alasdair. Tha sin air ainmeachadh airson Alasdair MhicNeacail, Sgitheanach agus sàr-Ghàidheal. Dhìrich e a’ bheinn anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, seachdad ’s a trì. Roimhe sin, ’s e an Sgùrr Biorach a bh’ air a’ bheinn mar ainm. Bha Sgùrr Thormaid air ainmeachadh airson Tormod Collie, streapadair ainmeil. Agus fhuair Sgùrr MhicCoinnich ainm bho Iain MacCoinnich, fear-iùil nam beann.


Tha Beinn Fhionnla’ air tìr-mòr, tuath air Gleann Afraig. Fhuair i a h-ainm bho fhear ainmeil Fionnla’ MacRath – Fionnla’ Dubh nam Fiadh. Bha e beò anns an t-siathamh linn deug. ’S e sealgair a bh’ ann. Dhìon e an dùthaich aige bho dhaoine eile. ‘He protected his country from others’. Dhìon e an dùthaich aige. Thàinig fear a shealg ann. Mharbh Fionnla’ e. ’S e duine cruaidh a bh’ ann. ’S dòcha gun robh e coltach ri rìgh anns an dùthaich aige fhèin! Co-dhiù, ’s e Beinn Fhionnla’ a chanas sinn ris a’ bheinn sin chun an latha an-diugh.

Oisean a’ Ghràmair 14: Notaichean

1. Sùil Air Ais: Chaidh X a dhèanamh (‘X got done / was done’)


(Faicibh Prògram 10. Cuideachd: BEAG AIR BHEAG Sreath 3, Prògram 9.)


Chaidh an gàrradh a chruthachadh.
‘The garden was created.’
Thèid an drochaid a chàradh.
‘The bridge will get restored.’
Chaidh am bàta a bhualadh.
‘The boat was hit.’
Chaidh cumha a sheinn.
‘A lament was sung.’
Cha deach duine a ghoirteachadh.
‘No-one got hurt.’
Chaidh balla a thogail.
‘A wall was built.’
Thèid an geata a chàradh.
‘The gate will get repaired.’
Thèid an gàrradh fhosgladh chun a’ phobaill.
‘The garden will be opened to the public.’


Derek MacAoidh (Aithris na Maidne):


Chaidh an gàrradh aig Caisteal Cowden ann an Siorrachd Chlach Mhanainn a chruthachadh anns na ficheadan.” 
“The garden at Castle Cowden in Clackmannanshire was created in the twenties.”


2. ‘I/You/He/She’ etc. got chosen / was chosen’: Chaidh mo/do/a thaghadh


(Faicibh BEAG AIR BHEAG Sreath 3, Prògram 10; Sreath 2, Prògram 5.)


Eisimpleir 1:taghadh ‘choosing’. ‘I was chosen / got chosen’:


Chaidh an sgioba aca a thaghadh. ‘Their team got chosen.’
Ach:
‘I was chosen / got chosen.’ Chaidh mo thaghadh. (‘Went my choosing.’)
You were chosen.’ Chaidh do thaghadh. (‘Went your choosing.’)
He/It was chosen.’ Chaidh a thaghadh. (‘Went his/its choosing.’)
She/It was chosen.’ Chaidh a taghadh. (‘Went her/its choosing.’)
We’ll get chosen.’ Thèid ar taghadh. (‘Will go our choosing.’)
You’ll get chosen.’ Thèid ur taghadh. (‘Will go your choosing.’)
They’ll get chosen.’ Thèid an taghadh. (‘Will go their choosing.’)


Eisimpleir 2: milleadh‘spoiling, damaging’. ‘I was spoilt / got spoilt.’


Karen Elder (Aithris na Maidne):


Chaidh a mhilleadh le bleigeartan anns na trì ficheadan.”
“It was damaged by vandals in the sixties.”


Chaidh taigh-tì anns a’ ghàrradh a mhilleadh.
‘A tea-house in the garden was vandalised.’
Ach
It (masculine) was vandalised’:
Chaidh a mhilleadh. (‘Went its/his vandalising.’)


Chaidh drochaid anns a’ ghàrradh a mhilleadh.
‘A bridge in the garden was damaged.’
Ach
It (feminine) was damaged’: Chaidh a milleadh. (‘Went its/her damaging.’)


Chaidh na lòchrain anns a’ ghàrradh a mhilleadh.
‘The lanterns in the garden were vandalised.’
Ach
They were vandalised’: Chaidh am milleadh. (‘Went their vandalising.’)


Chaidh mo mhilleadh le mo sheanmhair ’s mi òg.
‘I got spoilt by my granny when I was young.’ (‘Went my spoiling’)


Chaidh do mhilleadh ’s tu òg, agus tha bhuil!
You were spoilt as a kid, and it shows!’ (‘Went your spoiling’)


Eisimpleir 3: càradh ‘repairing’. ‘It got repaired’:


Karen Elder (Aithris na Maidne):


’S ann an-dràsta fhèin a tha tè a tha càirdeach ri Ella Christie airson ’s gun tèid a chàradh.”
“Right now there’s a woman who’s related to Ella Christie wanting to have it repaired.” (‘wanting that it will get repaired’)


An tèid an gàrradh a chàradh?Thèid, thèid a chàradh.
‘Will the garden get restored? Yes, it will get restored.’ (‘its/his restoring’)


An tèid an drochaid a chàradh? Thèid, thèid a càradh.
‘Will the bridge get repaired? Yes, it will get repaired.’ (‘its/her repairing’)


An tèid na lòchrain Iapànach a chàradh? Thèid, thèid an càradh.
‘Will the Japanese lanterns get repaired? Yes, they’ll get repaired.’


Eisimpleir 4: togail ‘raising, bringing up, lifting’. ‘I was brought up’:


Chaidh mo thogail le mo sheanmhair.
‘I was brought up by my grandmother.’ (‘my bringing up’)


Càit’ an deach do thogail?
‘Where were you (thu) brought up?’ (‘your bringing up’)


Chaill pàrantan Mhowgli e sa choille agus chaidh a thogail le madaidhean-allaidh.
‘Mowgli’s parents lost him in the forest and he was brought up by wolves.’ (‘his bringing up’)


Rugadh i an Alba, ach chaidh a togail san t-Suain.
‘She was born in Scotland but she was brought up in Sweden.’ (‘her bringing up’)


Chaidh ar togail mar aon teaghlach.
We were raised as one family.’ (‘our raising’)


Càit’ an deach ur togail?
‘Where were you (sibh) brought up?’ (‘your bringing up’)


Thèid an togail leis a’ phost a-màireach.
They’ll be picked up by the postie tomorrow.’ (‘their picking up’)


Eisimpleir 5: cur ‘sending, putting’. ‘I was sent’:


Thèid mo chur a Hiort.
‘I’ll get sent packing to St Kilda.’
Thèid a chur gu oifis eile.
He’ll get sent to another office’.
Chaidh a cur gu dreuchd eile.
She got assigned to another job.’
Chaidh an cur air falbh an-dè.
They were sent off yesterday.’


3. PUINGEAN EILE (Sùil Air Ais):


(a) Chaidh agam ..../ Thèid agam .... (‘managing to ...., being able to ....’)
(FAICIBH Prògram 10.)


Karen Elder (Aithris na Maidne):


Tha millean not fhathast a dhìth air an iomairt, mus tèid aca ris [ / air] a’ ghàrradh fhosgladh chun a’ phobaill son a’ chiad triop ann an leth-cheud bliadhna.”
“There’s a million pounds still needed by the campaign, before they’re able to open the garden to the public for the first time in fifty years.”


Tha mi an dòchas gun deach agaibh air bhith a-muigh.
‘I hope you managed to be outside.’
An tèid agad air saor-làithean a ghabhail?
Will you manage to take a holiday?’


(b) Ga dhèanamh (‘being done, in the process of being done’)
(FAICIBH Prògram 9.)


Derek MacAoidh (‘Aithris na Maidne’)


“Is mu dheireadh an-dràst’, tha obair ga dhèanamh gus gàrradh àraid Iapànach air cnoc Albannach a chàradh.”
“And finally for the moment, work is ongoing (being done) to repair a special Japanese garden on a Scottish hill.”

Abairt na Seachdain

Cuiridh an teanga snaidhm nach fhosgail an fhiacail

Broadcasts

  • Sun 19 Jun 201621:30
  • Wed 22 Jun 201612:00
  • Wed 22 Jun 201622:00
  • Sun 26 Jun 201610:30
  • Sun 2 Oct 201621:30
  • Wed 5 Oct 201612:00
  • Wed 5 Oct 201622:00
  • Sun 9 Oct 201610:30
  • Sun 26 Sep 202121:30
  • Wed 29 Sep 202112:00
  • Wed 29 Sep 202122:00
  • Sun 3 Oct 202110:30

Podcast