
1/4 Seonaidh Fhionnlaigh - ùghdar, craoladair, neach-foghlaim. Sgeulachd beatha Iain Mhoirich
Seonaidh Fhionnlaigh - ùghdar, craoladair, neach-foghlaim. Sgeulachd beatha Iain Mhoirich. Author, broadcaster and educationalist John Murray talks about his life and work.
Anns an t-sreath seo de sgeulachd beatha tha sinn a' coinneachadh ri ùghdar, craoladair, neach-deasachaidh agus neach-foghlaim. Sa sgìre aige fhèin ann am Barabhas ann an Leòdhas 's e Seonaidh Fhionnlaigh 'an Uilleam a th' aca air, ach ann an saoghal litreachais tha sinn nas cleachdte ri bhith cluinntinn an ainm Iain Moireach.
Rugadh is thogadh Iain ann an sgìre Bharabhais. Na òige bhiodh e leughadh tòrr dha na leabhraichean a bhiodh a' tighinn gu bhràthair bho cluba leabhraichean ach a dh'aindheoin sin cha robh dad follaiseach troimh bhliadhnaichean a' bhun-sgoil gun robh sgilean sgrìobhaidh aige. Nuair a dh'fhàs e na bu shine dh'fheuch e an toiseach ri bàrdachd a sgrìobhadh ach cha robh e fada gus an d'fhuair e a-mach nach e b' e bàrd a bh' ann. Às dèidh sin thòisich e a' sgrìobhadh sgeulachdan goirid is drama, cuspairean a shoirbhich leis thar nam bliadhnaichean mar a chluinneas sinn ann an t-sreath seo.
Anns a' chiad phrògram tha Iain gar toirt air ais gu làithean òige ann am Barabhas agus ag innse dhuinn mu theaghlach.
Last on
An teaghlach aig Iain sa bhliadhna 1946

An teaghlach aig Iain sa bhliadhna 1946: Màthair Iain, Niall Iain, Iain, Sandy agus Mairi.
Fionnlagh Moireach athair Iain

Niall Iain, Iain agus Sandy

Iain air baidhsagal

Iain sa bhliadhna 1955

Broadcasts
- Thu 16 Jun 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 16 Jun 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Jun 201609:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Mar 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Mar 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Apr 201810:00BBC Radio nan Gàidheal