
An t-Urr Tormod MacSuain
Còmhla ris an Urr Tormod MacSuain nach maireann, Àrd-eaglais Steòrnabhaigh ann an 1992. Conducted by the late Rev Norman MacSween, minister of Stornoway High Church, in 1992.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is na leughaidhean a leanas:
Salm 62 : 7-8 air fonn London New agus 's e Aonghas MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm72: 17-19 air fonn Torwood agus 's e Iain Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Lùcas 4: 14-21
Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstol 8: 5-8
B' ann do dh'Eilean Sgalpaigh a bhuineadh an t-Urr Tormod MacSuain. Rugadh e anns a' Ghiblean 1920. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil lean e ann an lorgan athar agus, mar iomadach Sgalpach eile, chaidh e a dh'iasgach, gnìomhachas a bha gu math soirbheachail aig an àm sin air an eilean.
Leig e seachad obair an iasgaich ann an Sgalpaigh agus chaidh e a-staigh airson na ministrealachd. Seach gun do dh'fhàg e an sgoil aig 14 bha obair aige ri dhèanamh airson teisteanas fhaighinn a leigeadh leis a dhol dhan cholaiste airson trèanadh. Le cuideachadh is taic bho mhaighstir-sgoile an eilein, tidsearan agus ministear an àite, fhuair e air e fhèin ullachadh airson a dhol gu Colaiste Skerry, far an d'fhuair e teisteanas a thug dhan oilthigh e.
Chaidh e a dh' Oilthigh Dhùn Èideann agus an uair sin gu Colaiste na Diadhachd airson trì bliadhna.
Thoisich Mgr MacSuain na dhreuchd mar mhinistear ann an Eilean Bharraigh. Lean an càirdeas eadar e fhèin, agus a bhean Sophie, ri muinntir an àite airson ùine mhòr às dèidh dhaibh an t-eilean fhàgail, agus bha meas mòr aig muinntir Bharraigh air Mgr MacSuain.
Thairis air na bliadhnaichean a bha e a' searmonachadh chuir Mgr MacSuain seachad ùine ann an coitheanalan ann an Earra-Ghàidheal, sna Hearadh agus mu dheireadh ann a sgìre Cheann Loch ann a Leòdhas. Leig e seachad a dhreuchd às dèidh sin.
Ged a bha e air a dhreuchd mar ministear-paraiste a leigeil seachad, bha e air leth trang na sheaplain aig Ospadal Leòdhais agus air Ospadal nan Eilean airson iomadach bliadhna. Bha luchd-obrach is luchd-frithealaidh an ospadail measail air Mgr MacSuain airson an seòrsa duine a bh' ann agus an nàdar a bh' aige. Bha ùidh mhòr aig Mgr MacSuain cuideachd anns a' Ghàidhlig.
Bha e pòsta aig Sophie agus bha triùir theaghlach aca - nighean agus dithis ghillean. Bhàsaich Mgr MacSuain anns a' Chèitean 2008 agus bhàsaich a bhean Sophie anns a' Mhàirt 2015.
Last on
An t-Urr Tormod MacSuain

Broadcasts
- Sun 19 Jun 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Oct 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 May 202021:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 May 202221:00BBC Radio nan Gàidheal