
Episode 99
Blàr Mount Sorrel a' tighinn gu ceann 's bàs Sgitheanach eile ri linn Blàr Festubert 1915. The Battle of Mount Sorrel ends, and another Skyeman dies as a result of Festubert.
Air an 10mh den Ògmhios 1916, dh'fhairich an t-Eilean Sgitheanach buaidh blàr Festubert uair eile, le naidheachd bàis a' Chaiptein Raghnall Dòmhnallach, mac le Pàdraig Dòmhnallach aig an robh tuathanas ann an Gleann Hìnneasdail. Bha e pòsta aig Ealasaid Blair Coats agus bha ceathrar chloinne aca. Fear-lagha a bh' ann, a dh'ionnsaich a chiùird sa chompanaidh aig a' Chòirneil Alasdair Dòmhnallach ann am Port Rìgh agus an uairsin an Oilthigh Ghlaschu.
Chrìochnaich Blàr Mount Sorrel an ear-dheas air Ypres air an 13mh den Ògmhios. Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse,
ged nach robh Mount Sorrel ach mu thrithead meatair a dh'àird, bha sin cudromach ann an sgìre a tha cho còmhnard ris a' phàirt seo dhen Bheilg.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 160616
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 16 Jun 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 17 Jun 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
