
Episode 98
HMS Hampshire a' dol fodha 's Lord Kitchener an cois còrr is 600 a chaill am beatha. HMS Hampshire is sunk in Scapa Flow with the loss of 600 crew including Lord Kitchener.
Air a' 5mh den Ògmhios 1916 thàinig Lord Kitchener gu ruige Scapa Flow ann an Arcaibh air HMS Oak. Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse, bha coinneamh ghoirid aige le Admiral Jellicoe an sin mas deach e air bòrd crùisear air an robh HMS Hampshire. A dh' aindeoin 's gu robh dùil ri droch shìde an oidhche sin, sheòl a Hampshire mu fhichead mionaid gu còig feasgar. Mu leth uair an dèidh seachd, ann an rag ghèile, mu mhìle gu leth far chladaichean Arcaibh, bhuail a Hampshire ann am mèinn. Ann an cairteal na h-uarach bha i air a dhol fodha.
Air an treas latha den Ògmhios, an dèidh 14 mìosan san t-sabaid, chaidh Eòghainn MacNeacail, Eòghainn Alasdair 'ic Eòghainn à Griomasaigh, a mharbhadh aig Ypres. Bha e 24 agus a' sabaid còmhla ri Rèisimeid British Columbia dhen arm Chanèidianach. Chuala sinn criomagan à mòran de na litrichean a sgrìobh e gu phiuthar Màiri ann a Seachdain sa Chogadh gu ruige seo, agus tha litir thìomhaidh gu phiuthar aig Gilleasbuig dhuinn an t-seachdain sa, a chaidh a sgrìobhadh leis an t-seàirdseant aige, Sgt Lane.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 090616
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 9 Jun 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 10 Jun 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
