
Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein
Seirbheis còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic religious service conducted by John Archie MacMillan.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean, salm is an leughadh a leanas:
Thighearna ar Dòchais le Donnie M MacLeòid, O Iosa bi 'n còmhnaidh air m' aire gach uair le Catriona Anna Nic-a-Phì, Salm 84 agus O Thoir Mi null gud Chridhe Naomh le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh.
Leughadh:Lucas 9: 28-36
Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Ògmhios, 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh. Bha Iain Eàirdsidh ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh daoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh le bhean, Màiri, agus an dithis theaghlach, Harriet agus Mata. Nuair a bhios ùine aige dha fhèin is toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-àraid dhan Eadailt, far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghàidhlig.
Bidh Iain Eàirdsidh os cionn nan seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair sa h-uile sia gu ochd seachdainean.
Last on
Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Broadcasts
- Sun 12 Jun 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Jun 201615:00BBC Radio nan Gàidheal