Main content

Episode 12

Episode 12 of 15

Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through some of the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Isobel Kyle à Glaschu, agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan bho phrògraman à tasglann Radio nan Gàidheal.

In this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Isobel Kyle from Glasgow about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.

Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.

Available now

56 minutes

Last on

Sun 19 Sep 202110:30

Tar-sgrìobhadh: Tro Shùilean Chathy

Cairistiona Stone


Cò a shaoileadh gum biodh ise san t-suidheachadh eagallach san robh i? Fad an cùlaibh a h-inntinn, glaist’ air falbh bho aire dhaoine, bha Cathy eile – tè le beatha shìtheil, òrdail, glan; beath’ far an robh dùsgadh, obair agus cadal. Far an robh èirigh, anail shocrach agus laighe. Gu cùramach, rùisg i air falbh gach smuain, ag òl a-steach an cofhurtachd a thàinig an cois gach cuimhneachan air mar a bha.


“A Chathy! Tha thìd’ agad èirigh! Deichnear às ùire air a thighinn a-steach tron oidhch’; seachdnar gun a bhith ro dhona, ach tha triùir ann an droch staid. Aon a-nis gun chas, fear eile air a dhroch leòn mun cheann, san treas fear; beò air èiginn. ’S fheàrr dhut a dhol suas thucasan an toiseach. Tha Bella agus Ceit shuas mar-thà, air a bhith air an cois fad na h-oidhche, gan cumail cho cofhurtail ’s a ghabhas. Siuthad a Chathy – èirich!”


Ged a chual’ Cathy gach facal, bha gràin oirre èirigh. Gràin cas a chur gu talamh fuar, neo-thaitneach. Ach shocraich a h-inntinn air an triùir a bha ann an èiginn ’s bha an eisimeil cùraim agus cobhair.

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 12

"Bu Toigh Leotha Ceòl is Dannsa"


“Leòbhra, chan eil sian ris an t-saoghal a’ dol an seo an-dràsta”, arsa Curstaidh Nèill ri Mòraig Bhàin an latha roimhe, “ach ruith is leum is ceòl is dannsa, agus cleasan gòrach de gach seòrsa. An uair a bha mise nam chaileig òig anns an sgoil cha robh guth air fealla-dhà is subhachas mar a tha aca an-diugh. Obair gun dòigh! Ciamar a tha dùil aca gum bi foghlam aca?”


Is ann a-mach air cuirm-chiùil na sgoile a bha Curstaidh. Cha robh i riamh a-staigh air faoineas den t-seòrsa seo, mar a chanas i fhèin. Tha ise an dùil gu bheil còir aig a’ chloinn a bhith a’ leughadh ’s a’ sgrìobhadh ’s a’ cunntas bho mhoch gu dubh air neo nach bi srad foghlaim idir aca. Ach is ann a tha clann Choir an t-Sìthein cho trang aig na leasain fad na bliadhna agus nach uilear dhaibh beagan cluiche agus toileachais an uair a tha cead an t-samhraidh a’ tighinn dlùth.


Tha grunn math sheachdainean a nis on thòisich iad ag ullachadh airson cuirm-chiùil na bliadhna seo, ach o chionn seachdain no dhà air ais cha robh latha nach robh iad greis ris an obair seo. Chan aidich Curstaidh chòir gur e obair a tha seo idir, ach cur-seachad agus rud gun tùir. Is math tha fios aig a’ chloinn fhèin agus aig Mgr. Mac an t-Saoir, agus na bana-sgoilearan cuideachd, nach eil an gnothach cho furasta sin idir, agus gu bheil saothair gu leòr na chois, ged a tha e a’ còrdadh gu math ris a h-uile duine. Dh’fheumadh a’ chlann òrain ionnsachadh agus sgeulachdan is rannan is dannsa, agus ged a tha iad gu math èasgaidh agus glè dheas gu ionnsachadh, cha b’ urrainn dhaibh sin a dhèanamh gun dìcheall agus gun chuideachadh. Bha duine no dhithis nam measg a thug an t-ionnsachadh tàire gu leòr dhaibh, ach “cha bhi dìcheall air dheireadh”, agus dhearg iad air ceann sreatha.


Latha no dhà an dèidh don ullachadh mhòr a bha seo tòiseachadh, nach ann a chuala Niall fitheach a’ gròcail ri taobh an rathaid mhòir, an uair a bha e air an t-slighe dhachaidh às an sgoil. “Nach buidhe dhut”, ars esan, “ged a tha thu dubh!” (bha e an dùil nach robh duine ga chluinntinn.) “Chan eil agad ri dhol don sgoil o cheann gu ceann den bhliadhna - agus ged a bhitheadh fhèin, cha toireadh iad ort òran a ghabhail innte!”


A. Cha toir na ceistean beaga seo tàire sam bith dhutsa.
1. Dè an rud as trice bhitheas clann Choir an t-Sìthein a’ dèanamh anns an sgoil (ann am beachd Churstaidh Nèill)?
2. Ciamar bu chòir dhaibh an ùine a chur seachad? (Beachd Churstaidh a-rithist!)
3. Saoil dè an rud a chleachd ise bhith dèanamh fhad ’s a bha i anns an sgoil?
4. Cuin a thòisich iad ag ullachadh airson cuirm-chiùil na sgoile?
5. Saoil dè cho tric ’s a bhitheas cuirm-chiùil den t-seòrsa seo aca?
6. Dè cho tric ’s a bhitheas rud den t-seòrsa seo anns an sgoil agaibh fhèin?
7. Ciamar a dh’fheumadh a’ chlann a bhith fhad ’s a bha iad ag ullachadh airson na cuirm-chiùil?
8. Ciamar a bha an obair seo a’ còrdadh riutha?
9. Ciamar a chòrdadh i riut fhèin?
10. Dè bha aig a’ chloinn ri ionnsachadh?
11. Cò thug cuideachadh dhaibh?
12. Ciamar a tha fhios againn nach robh an obair furasta?
13. “Nach buidhe dhut”- dè tha sin a’ ciallachadh?
14. Carson a bha farmad aig Niall ris an fhitheach?
15. Saoil am bitheadh farmad agad fhèin (a) ris an fhitheach, (6) ri Niall?


B. Is dòcha gun cuala tu seo – “Is àirde e na taigh an rìgh, is mìne e na sìoda”. Tha facal a dhith air a h-uile sreath a tha seo. Saoil an lorg thu iad? Cuidichidh an tòimhseachan thu - ach cha bhi feum agadsa air cuideachadh idir!
1. Tha na h-eòin binn, ach is i an smeòrach as .... de na h-eòin uile.
2. Is e gille glic a tha ann an Calum, ach tha athair nas .... na an gille.
3. Ged a tha m’ athair còir, tha mo sheanair nas …….. na e.
4. Is e stuth cruaidh a tha ann am fiodh daraich, ach tha iarann nas .... na fiodh sam bith.
5. Chan eil an gamhain ach òg, ach is ann nas .... a tha an laogh.
6. Nach i an fheannag a tha dubh! Is i, ach tha fitheach nas .... na i.
7. Is ann gu math saor a tha an t-aran; chan eil biadh eile ann a tha nas .... na e.
8. Faic cho caol ’s a tha am bior-stocainn; ach tha an t-snàthad mhòr cus nas .... na am bior.
9. Tha an rùm seo blàth; is ann nas .... bhitheas e an uair a ghabhas an teine.
10. Ged tha an t-each luath, tha an cù nas .... na e.


C. Dèan facail de na figearan seo - agus sin gu sgiobalta!
(a) 14; (b) 27; (c) 56; (d) 72; (e) 85; (f) 98; (g) 122; (h) 133; (i) 159; (l) 1500


B. Abair a-nis gu bheil thu fhèin ag ullachadh airson cuirm-chiùil na sgoile. An tèid agad air dà cheathramh a sgrìobhadh den òran bu toigh leat a ghabhail? Mura tèid, is e do chuid a bhith sàmhach; ma thèid, faodaidh tu tòiseachadh sa mhionaid - air a sgrìobhadh, chan ann air a sheinn!

Tar-sgrìobhadh: Air na Tablets

Murchadh Caimbeul


Murchadh: Bha mi gu math eòlach air fòn seann-fhasanta airson bliadhnaichean mòra agus bha, tha mi creidsinn, leisg orm gluasad, ach ghluais mi ann a sheo bho chionn, tha mi creidsinn, trì no ceithir a bhliadhnaichean agus aon uair ’s gun do ghluais mi agus gun do dh’fhàs mi cleachdte rithe, tha mi a-nise smaoineachadh gur e seo a’ fòn cheart a bu chòir a bhith agam o chionn tha e furasta a dhol air a’ fòn agus post-dealain fhaighinn.


An aon trioblaid a tha mise faicinn, ’s e - tha daoine sùileachadh an-diugh gum faic iad fiosrachadh bhuat air ais anns a’ bhad, g’e b’e càit’ a bheil thu ’s faodaidh tu a bhith am bad sam bith anns an t-saoghal – ach seach gu bheil iad a’ cur post-dealain thugad, gum fosgail thu e air a’ fon agad agus gum freagair thu e anns a’ bhad. Agus tha mi smaoineachadh gu bheil sinn air cuip a chur air ar druim fhèin a thaobh sin.


Innes: Bha sibh a' bruidhinn air, tha sibh a’ cur feum mòr air an eadar-lìon agus a’ fòn airson d’ obair, airson gnìomhachas is mar sin. Dè mu dheidhinn a thaobh do bheatha pearsanta?


Murchadh: Tha mi creidsinn - tha dithis nighean agam agus bidh mi tric a’ bruidhinn riuthasan, agus tha mi creidsinn a bharrachd air a sin, cuiridh iad teacst, rudeigin a bha ’s dòcha annasach dhuinn corra bhliadhna air ais ach an-diugh tha e gu math bitheanta ’s gu math cumanta a chur gu feum. Ma dh’fhònas mi dhachaigh, ’s ann le fòn a bhios mi, bidh mi fònadh dhan an taigh ma bhios mi air falbh.

Sùil air a' Mhapa 12

Eadar. Between. E-A-D-A-R. Eadar. Bidh sinn ag ràdh ‘Tha mi eadar dà bharail’ – I’m between two opinions, I’m undecided. Tha am facal ‘eadar’ a’ nochdadh cuideachd air a’ mhapa. ’S e an eisimpleir as ainmeile – Eadarra-Chaolas no Eddrachillis – sgìre mhòr ann am fìor cheann an iar-thuath tìr mòr na h-Alba. Tha sin a’ tighinn bho Eadar Dhà Chaolas ‘between two kyles’. ’S iad an dà chaolas – An Caolas Cumhang (Kylesku) agus Caolas Dhiùranais (The Kyle of Durness).

Faisg air a’ Chrìon-Làraich, tha bealach eadar a’ Bheinn Mhòr agus Stob Binnein. ’S e an t-ainm air ‘Bealach Eadar Dhà Bheinn’ – the pass between two mountains. Faisg air Ullapul, tha loch ann air a bheil Loch Eadar Dhà Bheinn. Ann an Ratharsair tha dà bhaile faisg air a chèile – am Baile Meadhanach agus Baile a’ Chùirn. Tha loch eadar an dà bhaile. ’S e an t-ainm a th’ air Loch Eadar Dà Bhaile.

Ann an Sgìr’ Ùig’ ann an Leòdhas, tha baile beag air a bheil Ardroil ann am Beurla. ’S e sin Eadra Fhadhail ann an Gàidhlig. Ach, air a’ mhapa, chì sibh an t-ainm tùsail – Eadar Dhà Fhadhail ‘between two sea fords’. Agus sin far a bheil am baile stèidhichte – eadar dà fhadhail.

Anns an Eilean Sgitheanach, tha dà choire làimh ri chèile – Coire nam Bruadaran agus Coire na Seilg. Agus dè an t-ainm a th’ air an druim eadar an dà choire? Bidh fios agaibh – Druim Eadar Dà Choire! Beannachd leibh.

Oisean a’ Ghràmair 12: Notaichean

1. AN TRÀTH TEACHDAIL (The Future Tense)


FAICIBH CUIDEACHD:
Beag air Bheag Sreath 3, prògram 6; Sreath 2, program 1; Sreath 1, program 8.


MA (‘IF’) agus an Tràth Teachdail


Murchadh Caimbeul (‘Air na Tablets’)
Ma dh’fhònas mi dhachaigh, ’s ann le fòn a bhios mi, bidh mi fònadh dhan an taigh ma bhios mi air falbh.”
If I phone home, I’ll have my phone on me, I’ll phone home if I’m away.”


Bithidh / Bidh mi air falbh. ACH Ma bhitheas / bhios mi air falbh....
Fònaidh mi dhachaigh. ACH Ma dh’fhònas mi dhachaigh....
Cuiridh mi teacsta. ACH Ma chuireas mi teacsta....


Bidh Murchadh air falbh bhon taigh gu math tric.
‘Murdo is away from home quite often.’
Ma bhitheas e air falbh, bidh Murchadh a’ fònadh dhachaigh gach latha.
‘If he’s away, Murdo phones home every day.’


Fònaidh mi dhachaigh a-nochd leis a’ fòn-làimh agad.
‘I’ll phone home tonight with your mobile.’
Innis domh ma dh’fhònas e.
‘Let me know if he phones.’


Cuiridh mi teacsta chuca sa bhad.
‘I’ll send them a text immediately.’
Ma chuireas mi teacsta chuca, am freagair iad?
‘If I send them a text, will they answer?’


GUN / NACH (‘THAT / THAT NOT’) agus an Tràth Teachdail


Murchadh Caimbeul (‘Air na Tablets’)
“An aon trioblaid ’s a tha mise faicinn, ’s e ... tha daoine sùileachadh an-diugh gum faic iad fiosrachadh bhuat air ais anns a’ bhad, ... seach gu bheil iad a’ cur post-dealain thugad, gum fosgail thu e air a’ fòn agad agus gum freagair thu e.”
“The one problem I see is that nowadays people expect that they’ll see a message back from you immediately, ... because they’re sending you an email [they expect] that you’ll open it on your phone and that you’ll answer it.”


Chì iad ‘they will see’ / ‘they see’ ... gum faic iad ‘... that they will see’
Fosglaidh tu ‘you open / will open’ ... gum fosgail thu ‘... that you’ll open’
Freagraidh tu ‘you answer / will answer’ ... gum freagair thu ‘... that you’ll answer’


Tha mi ’n dòchas gum faic mi thu.
‘I hope (that) I’ll see you.’
Tha mi a’ smaoineachadh gum faic mi thu.
‘I think (that) I’ll see you.’
Tha mi a’ sùileachadh gum faic mi thu.
‘I expect (that) I’ll see you.’
Is dòcha gum faic mi thu.
‘Maybe I’ll see you.’
Tha fhios gum faic thu.
‘I’ll surely see you.’
Etc.


Chì mi a-màireach thu.
‘I’ll see you tomorrow.’
Tha mi ’n dòchas gum faic mi a-màireach thu.
‘I hope that I’ll see you tomorrow.’


Fosglaidh mi am post-dealain sa bhad.
‘I’ll open the email immediately.’
Tha mi a’ smaoineachadh gum fosgail mi am post-dealain.
‘I think I’ll open the email.’


Freagraidh mi an teacsta a-rithist.
‘I’ll answer the text later.’
Tha iad a’ sùileachadh gum freagair mi teacstaichean sa bhad.
‘They expect I’ll answer texts at once.’


Cuiridh mi post-dealain chugad ma chluinneas mi.
‘I’ll send you an email if I hear.’
Feumaidh gun cuir iad fios chugainn.
‘They’ll surely send us a message / let us know.’


Puing a Bharrachd:


Question and negative take same form as gun :


gum faic, gun cuir
Cuideachd: Am faic…? An cuir…?
Chan fhaic Cha chuir
nach faic nach cuir


N.B. CHA + sèimheachadh: Cha chuir, Chan fhaic, Chan fhosgail, Cha fhreagair, etc.


An cuir thu fios chugainn? Cuiridh, gun teagamh.
‘Will you send us a message? Yes, definitely.’
Am faic mi a-màireach sibh? Tha mi an dòchas gum faic.
‘Will we see you tomorrow? I hope so.’ (‘I hope that will see.’)
Am fosgail iad a’ bhùth dhuinn? Chan fhosgail, ach fosglaidh iad an cafaidh.
‘Will they open the shop for us? No, but they’ll open the café.’
Am freagair iad mo phost-dealain? Tha mi cinnteach nach freagair.
‘Will they answer my email? I’m sure they won’t.’


2. Tha ---- orm


Murchadh Caimbeul (‘Air na Tablets’)
Bha, tha mi creidsinn, leisg’ orm gluasad.”
“I was reluctant, I think, to move on.”


Bha leisge orm. ‘I was reluctant.’ (‘Reluctance was on me.’)


Bha an t-acras orm. ‘I was hungry.’ (‘Hunger was on me.’)
Bha am pathadh oirnn. ‘We were thirsty.’ (‘Thirst was on us.’)
Bha an cnatan air a h-uile duine san teaghlach.
‘Everybody in the family had the cold.’ (‘The cold was on everybody...’)
Bha an t-eagal air a’ ghille. ‘The boy was scared.’ (‘Fear was on the boy.)


Tha leisge orm ur cumail ro fhada.
‘I’m reluctant to keep you too long.’


orm ‘on me’ oirnn ‘on us’
ort ‘on you’ oirbh ‘on you’ (plural)
air / oirre ‘on him / on her’ orra ‘on them’

Abairt na Seachdain

Cha tàinig tràigh gun muir-làn na dèidh

Broadcasts

  • Sun 5 Jun 201621:30
  • Wed 8 Jun 201612:00
  • Wed 8 Jun 201622:00
  • Sun 12 Jun 201610:30
  • Sun 18 Sep 201621:30
  • Wed 21 Sep 201612:00
  • Wed 21 Sep 201622:00
  • Sun 25 Sep 201610:30
  • Sun 12 Sep 202121:30
  • Wed 15 Sep 202112:00
  • Wed 15 Sep 202122:00
  • Sun 19 Sep 202110:30

Podcast