Episode 11
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Garry Patrick Cooke à Glaschu, agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne air ais le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan bho phrògraman à tasglann Radio nan Gàidheal.
In this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Garry Patrick Cooke from Glasgow about his learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
More episodes
Previous
Clips
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 29:42
![]()
Beag air Bheag: Sùil air a' Mhapa 11
Duration: 02:25
![]()
Beag air Bheag: Sreath 4: Prògram 11
Duration: 56:21
![]()
Tar-sgrìobhadh: Murchadh Peutan
Duration: 01:21
Tar-sgrìobhadh: Murchadh Peutan
Murchadh: ’S e fear William Willett a bheachdaich air seo an toiseach. Dh’fhoillsich esan pàipear air an robh an tiotal The Waste of Daylight agus bha esan a’ faireachdadh nan robh na clocaichean air a bhith air an cur air adhart as t-samhradh gun toireadh seo dhuinn barrachd uairean a thìde airson a bhith ag obair, agus gun sàbhaladh e airgead a bhathas a’ cosg air coinnlean ’s air gual ’s rudan mar sin.
Agus, an rud a bha esan a’ moladh, bha e gu math annasach. Bha e ag iarraidh anns a’ Mhàirt a h-uile bliadhna gun cuireadh sinn na clocaichean air adhart fichead mionaid gach seachdain airson ceithir seachdainean. Agus a-rithist as t-fhoghar, anns an t-Sultain, gun cuireadh sinn air ais iad fichead mionaid gach seachdain airson ceithir seachdainean a-rithist. Mar sin, bha esan ag iarraidh na clocaichean a chur air adhart uair a thìde is fichead mionaid.
Aonghas: Agus mar sin, ’s dòcha nam bithear ga dhèanamh air do shocair mar sin, chan fhaireachadh tu leum cho mòr, mar gum biodh.
Murchadh: Uill tha mi cinnteach gu robh sin ann ceart gu leòr, ach dh’fheumadh tu bhith dol timcheall ’s a’ cuimhneachadh, a h-uile seachdain na clocaichean atharrachadh!
Aonghas: Uill ma tha daoine a’ dol troimh-chèile leis an uair a thìde, ’s iongantach mura biodh sin air an cur triulaidh buileach!
Murchadh: Dìreach!
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 11
A’ Gearradh Leum ’s a’ Sìnteag! 2
Is fhada bho chuala sibh, “Am fear as luaithe làmh is e as fheàrr cuid", ach is e am fear agus an tè bu luaithe cas a bhitheadh air thoiseach, agus a gheibheadh na duaisean an latha seo. Cha b’ e sin na duaisean suarach cuideachd, agus bu mhath a b’ fhiach do dhuine strì is dìcheall a dhèanamh gus an cosnadh.
Ma bha casan na cloinne gu luath, sgiobalta am feasgar ud, sin mar nach robh spògan an uaireadair anns a’ mhadainn. Chan fhacas iad a-riamh a’ gluasad cho mall is cho slaodach. Bha a h-uile còig mionaidean cho fada ri seachdain le Niall, agus fadachd a bheatha air gus am faigheadh e a bhrògan canabhais mu a chasan. Ach mu dheireadh thall bhuail e leth-uair an dèidh dà uair dheug, agus fhuair a’ chlann fa sgaoil.
Mach a thaom iad nan deann-ruith, a h-uile fear is tè cho luath ri gille-mirein. Cha robh fios aca siud gu dè am blas a bha air a’ bhiadh a bha iad ag ithe, leis a’ chabhaig a bha orra. Cha do rinn iad ach a shlugadh mar gu faiceadh tu faoileag ag ithe sgadain.
Chualas sgread nam busaichean air taobh a-muigh a’ ghàrraidh aig còig mionaidean gu uair, agus bha iad làn ann an tiotan. Is ann an siud a bha an toileachas an uair a ràinig iad machair Shanndabhaigh agus a thòisich a’ chòmhstri. “Is e farmad a nì treabhadh”, tha iad ag ràdh, agus gu dearbh cha bu bheag am farmad a bha siud, agus a h-uile duine, beag is mòr, a’ dèanamh uile dhìcheall gus a bhith air thoiseach anns gach cleas. Cha robh seòrsa cleas nach robh an siud, eadar leum fada is leum àrd, cruinn-leum, sìnteagan agus rèisean de gach seòrsa.
“Nach neònach an rud a th’ ann”, arsa Mgr. Mac an t-Saoir, agus fiamh a’ ghàire air an aodann aige, an uair a bha na gillean mòra a’ cruinneachadh agus a’ sgioblachadh nan ròpan agus nam ball, nan cuibhlichean agus nam pocannan aig leth-uair an dèidh ceithir, “mar a bhitheas an deireadh a’ dol air an toiseach. Cò shaoileadh gur e an gille a bhitheas ag èaladh don sgoil a h-uile madainn mar gum bitheadh seilcheag, a bheireadh a-mach a’ bhuaidh air càch an-diugh! Is iomadh rud a chì am fear as fhaide bhitheas beò!”
Ach cha robh iongnadh sam bith air Niall fhèin ged choisinn e an cupa bòidheach airgid a bha ri thoirt don ghille a b’ fheàrr a dhèanadh aig na cleasan. Is fhada bho chuir e sùil ann agus a chuir e roimhe nach robh duine dol ga fhaighinn ach esan!
A. Is dòcha gu faigh thu fhèin duais ma fhreagras tu na ceistean gu dòigheil - ’s dòcha!
1. Carson a b’ fhiach do dhuine a bhith dìcheallach an latha seo?
2. Carson a bha spògan an uaireadair a’ gluasad mall anns a’ mhadainn?
3. Cuin a fhuair a’ chlann a-mach gu an dìnneir?
4. Cuin a b’ àbhaist dhaibh faighinn a-mach?
5. Saoil carson a fhuair iad a-mach cho tràth an latha seo?
6. Carson a tha a’ chlann air an coltachadh ri gille-mirein?
7. Dè bhitheas gille-mirein a’ dèanamh?
8. Ciamar a ghabh a’ chlann am biadh?
9. Ciamar a bhitheas faoileag a’slugadh sgadain?
10. Cuin a thàinig na busaichean chun na sgoile?
11. Dè cho fada ’s a thug a’ chlann a’ lìonadh nam busaichean?
12. Saoil ciamar a bha a’ chlann an uair a bha iad tilleadh dhachaidh?
13. Cò am fear a fhuair an duais a b’ àirde aig na cleasan?
14. Chuir seo annas air a’ mhaighstir-sgoile - carson?
15. Dè an duais a fhuair an gille a b’ fheàrr?
B. Leugh (a) agus sgrìobh (b) anns a h-uile sreath:
1. (a) Dè cho mòr ’s a tha e?
(b) Dè a’ .... a tha ....?
2 (a) Dè cho àrd ’s a tha thu?
(b) Dè an .... a tha ....?
3. (a) Dè cho fada ’s a tha an sgoil?
(b) Dè am .... a tha ....?
4. (a) Dè cho leathann ’s a tha an loch?
(b) Dè an .... a tha ....?
5. (a) Dè cho domhainn ’s a tha a’ mhuir?
(b) Dè an .... a tha ....?
6. (a) Dè cho tiugh ’s a tha am fiodh?
(b) Dè an .... a tha ....?
7. (a) Dè cho teth ’s a tha an teine?
(b) Dè an .... a tha ....?
8. (a) Tha a’ ghrian blàth.
(b) Tha .... anns a’ ghrèin.
9. (a) Is e duine glic a tha ann an Iain.
(b) Tha .... gu leòr ....
10. (a) Tha an geamhradh fuar ’s an reothadh cruaidh.
(b) Tha .... anns a’ gheamhradh agus .... anns an reothadh.
C. Cha do theirig na cleasan fhathast; seo agad tuilleadh dhiubh:
1. Dè cho àrd ’s a leumas tu?
2. Dè cho fada ’s a leumas tu?
3. Cò as àirde leumas anns an sgoil agaibh?
4. Cò as fhaide leumas?
5. Cò as luaithe ruitheas anns an sgoil agaibh?
6. Saoil cò as luaithe ruitheas ann an sgoil Choir an t-Sìthein?
7. Ainmich dithis dhaoine ann am Breatann a tha math air ruith.
8. Cò na creutairean as luaithe tha anns a’ mhuir?
9. Cò na creutairean as luaithe chunnaic thu fhèin a-riamh (air tìr)?
10. Saoil cò as luaithe dh’fhalbhas - bus na sgoile no an “Lochmòr”?
Tar-sgrìobhadh: Gàidheil New Zealand
Angela NicIlleathain: Christchurch
Angela: Tha e caran àraid a bhith na mo shuidhe ann a seo, dìreach taobh a-muigh an fheansa, far a bheil a zone dearg. Tha meadhan a’ bhaile a’ coimhead cho sàmhach, chan eil mi a’ faicinn duine, ach aig an aon àm tha mi a’ cluinntinn fuaim an obair leagail – chan e obair togail, ach obair leagail. Tha tòrr togalaichean fhathast an àirde, tha mi a’ faicinn feadhainn le ainmean gu math ainmeil – Holiday Inn air mo làimh chlì; mo làimh dheis, tha an Novotel.
Tha mi a’ faicinn bancaichean New Zealand cuideachd – tòrr mor thogalaichean, ach feumaidh iad uile a thighinn a-nuas. Tha e do-chreidsinneach. Tha feadhainn dhe na togalaichean a’ coimhead ceart gu leòr às a seo, tha fios nach eil bhon taobh a-staigh, no bun-stèidh nan togalaichean, ach feumaidh gu bheil iad gu math mi-shàbhailt’. Chan eil fhios dè seòrsa àit’ a bhios ann an dèidh dhan a h-uile càil a thighinn a-nuas.
Thuirt fear ris an do bhruidhinn mi gun do chaill Christchurch fèin-aithne anns a’ chrith-thalmhainn. Fèin-aithne gu math Sasannach, thuirt e. Gur e sin an rud a bh’ aca, bha sònraichte dhan sgìre-sa an taca ri sgìre sam bith eile ann an New Zealand.
Sùil air a' Mhapa 11
Caol. C-A-O-L. Narrow, the narrow part of something. Caol an dùirn ‘the narrow part of the fist’ no ‘the wrist’. Air a’ mhapa tha caol mar as trice a’ buntainn ri uisge. Uaireannan bidh caol ann eadar dà rubha no eadar eilean agus tìr-mòr. Caol no caolas. Thàinig caol a-steach don Bheurla mar ‘kyle’. Caol Loch Aillse, Kyle of Lochalsh, the narrows of Loch Alsh. Agus Caol Àcain – Kyleakin – Håkon’s Narrows – far an do thog an Lochlannach, Rìgh Håkon, cìsean bho mharaichean a bha ag iarraidh a dhol tron chaolas – a rèir beul-aithris.
Nise, chleachd mi am facal ‘caolas’ an sin. Tha e a’ ciallachadh an aon rud ri ‘caol’. Baile a’ Chaolais – Ballachulish – the township of the narrows. Gu tric ’s e kyles an dreach Beurla air. Mar eisimpleir, Kyles Scalpay – ’s e sin Caolas Sgalpaigh – eadar Eilean Sgalpaigh agus tìr-mòr na Hearadh. Agus Kylesku air taobh an iar-thuath tìr-mòr na h-Alba. An Caolas Cumhang a tha sin ‘the narrow narrows’ no ‘narrow strait’.
Dè mu dheidhinn Kyles of Bute? An e Caolas a tha sin? Gu tric bidh Gàidheil nach buin do dh’Earra-Ghàidheal ag ràdh ‘Caolas Bhòid’. Ach tha e coltach gur e mearachd a tha sin. Tha dà chaol eadar Bòd agus tìr-mòr – an Caol an Iar agus an Caol an Ear. Anns an leabhar aige air Ainmean-àite Eilean Bhòid tha Gilbert Márkus ag innse dhuinn gur e Na Caoil Bhòdach a’ Ghàidhlig cheart air Kyles of Bute. Ainm iolra. A plural name. Na Caoil Bhòdach. Soraidh leibh an-dràsta.
Oisean a’ Ghràmair 11: Notaichean
1. NA MO SHUIDHE / NA MO SHEASAMH / etc. (Sitting, standing, lying down)
Angela NicIlleathain (‘Christchurch, 2011’):
“Tha e caran àraid a bhith na mo shuidhe ann a sheo, dìreach taobh a-muigh an fheansa, far a bheil an zone dearg.”
“It’s quite strange to be sat here, just outside the fence, where the red zone is.”
Tha mi na mo shuidhe ‘I’m sitting, I’m sat’ (‘I’m in my sitting’)
Tha thu na do shuidhe
Tha e na shuidhe.
Tha i na suidhe.
Tha sinn nar suidhe.
Tha sibh nur suidhe.
Tha iad nan suidhe.
Cuideachd:
Tha mi na mo sheasamh. ‘I’m standing’ (‘I’m in my standing’)
Mar eisimpleir:
Fanaidh mise na mo sheasamh.
‘I’ll stay standing.’
An robh thu na do sheasamh fad na h-ùine?
‘Were you standing all the while?’
Bha esan na sheasamh san oisean.
‘He was standing in the corner.’
Bha i na seasamh air cùl an dorais.
‘She was standing behind the door.’
Bha sinn nar seasamh ùine mhòr.
‘We were standing a long time.’
Bidh sibh nur seasamh faisg air an stèids.
‘You’ll be standing near the stage.’
A bheil na togalaichean fhathast nan seasamh?
‘Are the buildings still standing?’
Tha mi na mo shìneadh / na mo laighe. ‘I’m lying down.’ (‘I’m in my lying down.’)
Mar eisimpleir:
Bha mi na mo shìneadh a’ coimhead an teilidh.
‘I was stretched out watching telly.’
Bidh thu nas comhartaile na do shìneadh air an t-sòfa.
‘You’ll be more comfortable lying on the sofa.’
Bha an cat na shìneadh an tac’ an teine.
‘The cat was stretchd out by the fire.’
Bha an luchag na sìneadh eadar spògan a’ chait.
‘The mouse was lying between the cat’s paws.’
Bha sinn nar laighe air a’ chladach fad an fheasgair.
‘We were lying on the beach all afternoon.’
A bheil sibh fhathast nur laighe?
‘Are you still lying down (still in bed)?’
Bha iad uile nan laighe ann a shin.
‘They were all lying there.’
2. FEUMAIDH GU BHEIL / THA FHIOS GU BHEIL
Angela NicIlleathain (‘Christchurch, 2011’):
“...ach feumaidh gu bheil iad gu math mì-shàbhailte. Feumaidh nach eil iad sàbhailte idir.”
“...but they must be pretty unsafe, they musn’t be safe at all.”
Feumaidh gu bheil iad mì-shàbhailte.
‘They must be unsafe.’
Feumaidh nach eil iad sàbhailte idir.
‘It must be that they’re not safe at all. They can’t be safe at all.’
Ged a bha na togalaichean fhathast nan seasamh, feumaidh nach robh iad sàbhailte.
‘Although the buildings were still standing (‘in their standing’), they musn’t have been safe.’
A bheil an cat a-muigh? Feumaidh gu bheil.
‘Is the cat outside? He must be.’
Seall cho fliuch is a tha an rathad – feumaidh gu robh an t-uisge ann.
‘Look how wet the road is – it must have been raining.’
Angela NicIlleathain (‘Christchurch, 2011’):
“Tha feadhainn dhe na togalaichean a’ coimhead ceart gu leòr às a seo, tha fios nach eil bhon taobh a-staigh.”
“Some of the buildings look alright from here, [but] they musn’t be from inside.”
Tha fhios gu bheil /gun robh = Feumaidh gu bheil / gun robh
‘The cat must be outside’:
Feumaidh gu bheil an cat a-muigh. / Tha fhios gu bheil an cat a-muigh.
‘They musn’t be safe’:
Feumaidh nach eil iad sàbhailte. / Tha fhios nach eil iad sàbhailte.
‘It must have been raining’:
Feumaidh gu robh an t-uisge ann. / Tha fhios gun robh an t-uisge ann.
‘You must be getting tired’:
Feumaidh gu bheil sibh a’ fàs sgìth. / Tha fhios gu bheil sibh a’ fàs sgìth.
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 29 May 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Jun 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 Jun 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Jun 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Sep 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Sep 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Sep 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Sep 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Sep 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Sep 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Sep 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Sep 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.



