
An Dàrna Ìre: Spàinntis
Blasad den chànan Spàinntis gu h-àraid airson òigridh aois 8 gu 11 air aithris le Eòghainn Dòmhnallach. Spanish for second level learners with Eoghan MacDonald.
Blasad den chànan Spàinntis ann am prògram a tha air a dhealbh gu sònraichte airson clann aois 8 gu 11.
Tha Eòghainn Dòmhnallach ag aithris, agus e a' coinneachadh ri Spàinntich agus luchd-ionnsachaidh na cànain a tha a' fuireach an Alba. Tha sinn a' cluinntinn gu h-àraid mun mheas a tha aig na Spàinntich air ball-coise, agus mun fharpais ainmeil El Clasico eadar na sgiobaidhean Real Madrid agus Barcelona.
Le measgachadh de ghuthan a' gabhail pàirt, tha cothrom ann Spàinntis a chluinntinn agus diofar fhaclan is abairtean shìmplidh ionnsachadh.
Anns an t-sreath seo, tha cuireadh air a thoirt don òigridh eòlas a chur air na cànain Spàinntis, Mandarin, Gearmailtis, Fraingis agus Gàidhlig tro bhith ag èisteachd ri fileantaich agus luchd-ionnsachaidh.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Cabadaich: An Dàrna Ìre: Spàinntis
Duration: 19:30
Broadcasts
- Tue 31 May 201612:13BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 31 May 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Jun 201610:10BBC Radio nan Gàidheal
