
An Dàrna Ìre: Mandarin
Blasad den chànan Mandarin airson òigridh aois 8 gu 11. An introduction to Mandarin for 8- to 11-year-olds, presented by Eoghan MacDonald.
Blasad den chànan Mandarin air a dhealbh gu sònraichte airson òigridh aois 8 gu 11 le Eoghan Dòmhnallach ag aithris.
Anns a' phrògram, tha sinn a' coinneachadh ri clann agus inbhich anns a' choimhearsnachd Sìonach ann an Alba. Cluinnidh sinn mu na diofar tradiseasan culturail a th' aig na Sìonaich, gu h-àraid aig àm na bliadhn' ùire sònraichte aca fhèin san Fhaoilleach.
Tha luchd-ionnsachaidh òga na cànain a' toirt dèagh bhlasad dhuinn air mar a tha Mandarin ga bruidhinn agus ga seinn. Le measgachadh de ghuthan a' gabhail pàirt, tha cothrom ann diofar fhaclan agus abairtean sìmplidh sa chànan ionnsachadh.
Anns an t-sreath Cabadaich, tha cuireadh air a thoirt don òigridh eòlas a chur air Mandarin, Gearmailtis, Fraingis, Gàidhlig, Spàinntis agus Eadailtis fa leth, tro bhith ag èisteachd ris an dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh ann an suidheachaidhean nàdarrach.
Last on
More episodes
Previous
Clip
![]()
Cabadaich: An Dàrna Ìre: Mandarin
Duration: 19:30
Broadcasts
- Tue 17 May 201612:13BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 17 May 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 May 201610:10BBC Radio nan Gàidheal
