
Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhir Nis
Còmhla ri Dòmhnall Iain Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhir Nis. Gaelic religious service with Donald J Morrison, evangelist, Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 68: 18 air fonn St David agus 's e an t-Urramach Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 89: 1-2 air fonn London New agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Leughaidhean: Lucas 18: 35-43 & Lucas 19: 1-10
Ceann-teagaisg: Lucas 19:9
'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheàrr dha na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.
Mas deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon roinn phoblaich agus phrìobhaidich airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.
Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad trì bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phàirt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.
Last on
Dòmhnall Iain Moireasdan

Broadcasts
- Sun 17 Apr 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Apr 201615:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 201615:00BBC Radio nan Gàidheal