
An Dr Urramach Ruairidh MacLeòid
Seribheis còmhla ris An Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid. Gaelic religious service conducted by Rev Dr Roddy MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn London New agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 106: 4-5 air fonn Glencairn agus 's e Calum MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughaidhean: Ephèsianaich 2: 11-19 agus Leabhar an Taisbeanaidh 21: 9-12 & 25
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair.
Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig san eaglais. Bha e na dheasaiche air na Duilleagan Gàidhlig dha Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean Gàidhlig mhìosail ann am Meadhan Earra Ghàidheal agus anns an Òban agus bha ùidh mhòr aige ann a bhith cluich teanas-bùird.
Tha an t-Urramach MacLeòid an-diugh ann an dachaigh-cùram ann an Earra Ghaidheal.
Last on
An Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid

Broadcasts
- Sun 10 Apr 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Apr 201614:59BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Oct 202421:00BBC Radio nan Gàidheal