Episode 3
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa phrògram seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Conchúr Ó Giollagáin à Bail'-Ath-Cliath agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair.
In the third programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Irishman Conchúr Ó Giollagáin about his learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
Clips
![]()
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 3
Duration: 02:08
![]()
Beag air Bheag: Sùil air a' Mhapa 3
Duration: 02:21
![]()
Tar-sgrìobhadh: Eileanaich
Duration: 01:37
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 28:14
Tar-sgrìobhadh: Proposition 22
Tormod a’ Bhocsair
Tormod: Bha an tidsear againn aost’ agus a’ casadaich.
“Name!”, thuirt i ann an guth domhainn.
“John Duncan Mackay.”
Bha mi a’ coimhead ri na h-aodainn air an robh na h-ainmeanan ùra seo.
“Murdo Mackenzie”, thuirt Murdo Mackenzie agus dhìobhair e.
Leum an duine a bh’ air a bheulaibh a-mach às a rathad.
“Eil pic dheth air mo dhruim”, thuirt e riumsa, an aghaidh aige a’ tighinn eagallach faisg orm. Bha sgian na shùilean agus fàileadh a’ chod liver oil bho anail. Cha robh an tidsear fiadhaich idir. Bhruidhinn i gu bàidheil ri Murdo Mackenzie. Bha esan cho dearg ris an fhuil, a shùilean fliuch is e air a nàrachadh. Ach bhruidhinn i gu bàidheil ris, am boireannach aosta seo aig an robh an droch chasad.
Chunnaic mi pacaid Capstan na baga, is chuir e dearg uamhas orm.
“Tha i a’ smocaigeadh”, thuirt mi ri John Murdo Campbell.
“Tha i a’ smocaigeadh”, thuirt John Murdo Campbell ri Louie Mackinnon, agus thuirt esan e ri Daniel Macdonald, agus thuirt Daniel Macdonald e ris an duine Sgitheanach a leum ron an dìobhairt, is cha deach e na b’ fhaide na sin fhèin.
“Eil dìobhairt air mo dhruim?”, dh’fhaignich esan.
“Seall cho ruadh ’s a tha na corragan aice”, thuirt mise ri John Murdo Campbell. Bha i bàidheil agus cha bhiodh i fada beò.
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 3
Fear an Taighe
Chan eil mòran ann an sgìre Lag na Coille a tha cho trang ri Seumas, athair Chaluim, agus is math gu bheil cuideachadh aige anns an obair a tha aige ri dhèanamh. Chan e gun cuir obair chruaidh cùram sam bith air, oir tha e na dhuine làidir, èasgaidh, dìreach mar a bhitheas Calum fhèin an uair a thig e gu aois.
Tha a’ chlann fhèin cho òg agus gu bheil dùil aca gu bheil an athair agus am màthair cus nas sine na tha iad. Chan eil athair Chaluim agus Mhàiri ach ceathrad bliadhna ’s a h-aon, agus chan eil am màthair ach naoi-deug air fhichead. Tha iad le chèile làidir, sunndach, fallain, agus is iad a dh’fheumadh - is iomadh car a tha aca ri dhèanamh.
Is ann ri taobh Loch an Dùin a rugadh agus a thogadh Seumas, agus is ann an seo a bha e a’ fuireach a-riamh, ach gu robh e còrr is ceithir bliadhna anns an arm aig àm a’ chogaidh. Thug e beagan mhìosan anns an dùthaich seo fhèin an toiseach, agus bha e an uair sin anns an Fhraing, agus a-rithist anns an Eadailt agus anns a’ Ghearmailt. Is iomadh rud annasach a chunnaic e fad nam bliadhnachan sin, agus is fìor thoigh le Calum a bhith a’ cur cheistean air athair mu na dùthchannan sin. Cuiridh e annas air a’ mhaighstir-sgoile cho eòlach ’s a tha Calum air na tìrean seo, a tha cho fada air falbh.
Ged a tha Calum coltach ri athair, tha mòran ag ràdh gur ann a bhitheas e cus nas àirde na e an uair a thig e gu aois. Chan eil na athair ach còig troighean agus ochd òirlich a dh’àirde, ach bidh suas ri sia troighean ann an Calum fhèin mus sguir e a dh’fhàs. Tha falt bàn air athair dìreach mar a tha air Calum fhèin, ach tha ròinneagan glasa a’ fàs na mheasg a-nis, agus tha e a’ fàs car tana. Bidh a bhean a’ tarraing às airson seo gu math tric, ag ràdh gu bheil e gus a bhith na bhodach!
A. Freagair na ceistean seo a-nis, cho math ’s a thèid agad air:
1. Gu dè an seòrsa duine tha ann an athair Chaluim?
2. Tha e feumail gu bheil e mar seo - carson?
3. Carson a tha a’ chlann an dùil gu bheil am pàrantan sean?
4. Dè an aois a tha athair Chaluim?
5. Dè an aois a tha a mhàthair?
6. Dè an aois a bha iad o chionn deich bliadhna air ais?
7. Càit an robh Seumas aig àm a’ chogaidh?
8. Dè an ùine bha e anns an arm?
9. Dè an àird a tha ann an athair na cloinne?
10. Saoil dè an àird a tha ann am balla na sgoile?
B. Lìon gach àite falamh an seo le facal freagarrach:
1. Bidh.... a’ dèanamh aodaich.
2. Bidh.... ag obair le fiodh.
3. Bidh.... ag obair le iarann.
4. Bidh lìon-sgadain aig....
5. Bidh.... a’ càradh bhròg.
6. Bidh.... a’ gleidheadh chaorach.
7. Bidh.... ag obair air an fhearann.
8. Bidh.... ag obair ann am bàta-smùide.
9. Bidh.... a’ reic ann am bùth.
10. Is e.... a bhitheas annam fhèin an uair a dh’fhàsas mi mòr.
C. Faic iad seo an toiseach, agus seall gu geur orra:
1' - troigh;
2' - dà throigh;
2' 6" - dà throigh gu leth;
3' 3" - trì troighean agus trì òirlich;
5' 8" - còig troighean agus ochd òirlich.
Tha thu a’ tuigsinn, nach eil? Sgrìobh iad seo a-nis - ann an Gàidhlig:
(a) 3' 7" (b) 5' 9" (c) 7' 8" (d) 4'10"
(e) 6' 5" (f) 3' 6" (g) 8' 3" (h) 9' 2"
(i) 9' 11" (l) 12' 4"
Tar-sgrìobhadh: Eileanaich
Sgitheanaich (In this the sixth programme Alex MACDONALD chats to fellow Skye residents Seonaid MACLEOD, Mairianna MACKENZIE and Alasdair NICHOLSON)
Seonaid: Bidh mise a’ togail dhealbhannan agus tha mi a’ smaoineachadh, ’s e rud mu dheidhinn an eilein, ’s e solas a th’ againn. Tha solas cho diofraichte can tràth sa mhadainn no feasgar no ciaradh na h-oidhche.
Ailig: Agus bidh thu gan cur air Flickr, nach bi?
Seonaid: Bidh, am bi thu gan coimhead Ailig?
Ailig: Bidh, corra uair.
Alasdair: Bidh solas a’ dol sìos is suas!
Mairianna: Fad na h-oidhche!
Seonaid: Feuch gum bi thu a’ dol air-loidhne a-nise!
Alasdair: Tha mi a’ smaoineachadh gur e an tàladh a tha san eilean do dhaoine, agus na tha a’ tighinn a-staigh seo do dhaoine eadar-nàiseanta air feadh an t-saoghail, tha iad a’ tighinn dhan eilean seo is tha iad a’ faighinn a-mach mu dheidhinn. Agus tha mi a’ smaoineachadh gur e sin rud a tha math mu dheidhinn an eilein, a tha dòcha an dèidh an dòigh a thoirt air adhart, agus seall air an spionnadh a tha e air thoirt dhan eilean, is am feum air a dhèanamh do dh’iomadach duine thairis nam bliadhnaichean. Tha e glè mhath a bhith a’ coimhead air monaidhean is air talamh is air beagan lochan, chan eil ach dhà no trì lochan uile gu lèir. Ach, nuair a smaoineachas tu air a sin, ma ’s e sin uile na th’ agad, feumaidh gu bheil rudeigin a tha gur tàladh as na daoine cuideachd. Tha e a’ toirt air feadhainn tighinn, eadar-nàiseanta, a choimhead oirnn is a bhruidhinn rinn is a dh’fhuireach còmhla rinn.
Ailig: Is bidh iad a’ fuireach mar a tha thu a’ canail.
Alasdair: Oh tha fhios glè mhath gu bheil iad a’ fuireach.
Mairianna: Agus a’ tilleadh.
Alasdair: A’ tilleadh air ais bliadhna thar bliadhna.
Mairianna: Tha.
Ailig: Saoil ciamar a bhiodh an eilean mura biodh na coigrich idir ann, is mura biodh iad a’ fuireach? Dè seòrsa eilean a bhiodh againn an uair sin?
Alasdair: Bhiodh e mar a bha e an dèidh a’ chogaidh an sin. ’S e glè bheag a bha a’ tighinn agus ’s e an fheadhainn a bha a’ tighinn, bha airgead aca. B’ urrainn dhaibh an uair sin a phàigheadh air a shon. An fheadhainn a tha a’ tighinn an-diugh, chan eil an t-airgead aca ach aig an aon àm, tha e a’ còrdadh riutha is tha iad a’ fuireach an seo. Tha taobhachd ris an eilean a tha seo, agus tha taobhachd ris na h-eileanan uile. Nuair a thèid thu a-mach an-diugh, is mar a chì thu mar a tha na h-Eileanan an Iar air fosgladh a-mach cuideachd air sgàth gu bheil gnothaichean air tighinn air adhart.
Sùil air a' Mhapa 3
Baile. Tha fios agaibh dè tha e a’ ciallachadh, nach eil? Baile – a village, town, city. Àite far a bheil daoine a’ fuireach fad na h-ùine. Tha e cuideachd a’ ciallachadh ‘home’ no ‘farm’. Baile-fearainn – ‘a land settlement no farm’. Chan eil mi aig baile an-dràsta ‘I’m not at home just now’.
Mar as trice, bidh ainmean-àite le ‘baile’ annta a’ tòiseachadh le ‘baile’. Mar eisimpleir, Baile a’ Mhanaich ann am Beinn a’ Bhaoghla. Bha manach no manaich a’ fuireach ann. Sìos an rathad tha Baile nan Cailleach. Bha cailleachan-dubha – nuns – a’ fuireach ann. Ann am Beurla, ’s e Nunton a chanas daoine ri Baile nan Cailleach.
Le dreach na Beurla air, bidh ‘baile’ a’ nochdadh mar Bal, Balla, Bally no eadhon Bella. Tha na h-ainmean cumanta ann am mòran sgìrean. Tha gu leòr dhiubh taobh a-muigh na Gàidhealtachd. Seo eisimpleirean bhon Ghalltachd far an robh Gàidhlig ann o shean. Balmalcolm ann am Fìobh. Sin Baile Maolchaluim ‘Malcolm’s farm’. Balmuckety air Machair Aonghais. ’S e sin Baile Mucadaidh ‘the settlement at the pig place’. Ballantrae ann an Siorrachd Adhair – Baile na Tràgha ‘the farm by the beach’.
Agus tha eisimpleir inntinneach ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Chan eil duine a’ fuireach anns a’ bhaile an-diugh. ’S e sin Belgaverie – Baile Geamhraidh – no mar a chanas a’ chuid mhòr an-diugh Baile a’ Gheamhraidh ‘winter farm’. Tha mi an dùil gun robh daoine a’ cumail sprèidh an sin anns a’ gheamhradh. Mar sin leibh an-dràsta.
Oisean a’ Ghràmair 3: Notaichean
1. AIR BEULAIBH..., AIR CÙL..., RI TAOBH..., AIRSON..., MU DHEIDHINN...
Tormod Caimbeul:
“Leum an duine a bh’ air a bheulaibh a-mach às an rathad.”
“The person that was in front of him jumped out of the way.”
AIR BEULAIBH... ‘in front of...’
air beulaibh sin ‘in front of that’
air beulaibh na sgoile ‘in front of the school’
air mo bheulaibh ‘in front of me’ (‘at my front’)
air do bheulaibh ‘in front of you’ (‘at your front’)
air a bheulaibh ‘in front of him’ (‘at his front’)
air a beulaibh ‘in front of her’ (‘at her front’)
air ar beulaibh ‘in front of us’ (‘at our front’)
air ur beulaibh ‘in front of you’ (‘at your front’)
air am beulaibh ‘in front of them’ (‘at their front’)
AIR CÙL... behind
air cùl sin ‘behind that’
air cùl na sgoile ‘behind the school’
air mo chùl ‘behind me’ (‘at my back’)
air do chùl ‘behind you’ (‘at your back’)
air a chùl ‘behind him’ (‘at his back’)
air a cùl ‘behind her’ (‘at her back’)
air ar cùl ‘behind us’ (‘at our back’)
air ur cùl ‘behind you’ (‘at your back’)
air an cùl ‘behind them’ (‘at their back’)
RI TAOBH... ‘beside’
ri taobh sin ‘behind that’
ri taobh na sgoile ‘behind the school’
ri mo thaobh ‘beside me’ (‘by my side’)
ri do thaobh ‘beside you’ (‘by your side’)
ri a thaobh ‘beside him/it’ (‘by his/its side’)
ri a taobh ‘beside her/it’ (‘by her/its side’)
ri ar taobh ‘beside us’ (‘by our side’)
ri ur taobh ‘beside you’ (‘by your side’)
ri an taobh ‘beside them’ (‘by their side’)
AIRSON... ‘for...’
airson sin ‘for that’
airson na sgoile ‘for the school’
air mo shon ‘for me’ (‘for my sake’)
air mo shon ‘for you’ (‘for your sake’)
air a shon ‘for him/it’ (‘for his/its sake’)
air ar son ‘for us’ (‘for our sake’)
air ur son ‘for you’ (‘for your sake’)
air an son ‘for them’ (for their sake)
MU DHEIDHINN... ‘about’
Dè mu dheidhinn sin? ‘How about that?’
mu dheidhinn na sgoile ‘about the school, concerning the school’
mu mo dheidhinn ‘about me’
mu do dheidhinn ‘about you’
ma dheidhinn ‘about him/it’
ma deidhinn ‘about her/it’
mar deidhinn ‘about her/it’
mur deidhinn ‘about her/it’
man deidhinn ‘about them’
‘Eileanaich’ (Sgitheanaich)
“Tha iad a’ tighinn dhan eilean seo is tha iad a’ faighinn a-mach ma dheidhinn.”
“They’re coming to this island and they’re finding out about it.”
“...An fheadhainn a bha a’ tighinn, bha airgead aca. B’ urrainn dhaibh an uair sin a phàigheadh air a shon.”
“The ones that were coming [after the war], they had money. They could pay for it back in those days.”
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 1, Prògram 2.
2. CHO... RI (‘as... as’) & CHO... AGUS A (‘How...!’)
Tormod Caimbeul:
“Bha esan cho dearg ris an fhuil, a shùilean fliuch is e air a nàrachadh.”
“He was as red as blood, his eyes wet, with the mortification [‘and him mortified’].”
cho dearg ris an fhuil ‘as red as [the] blood’
cho bochd ris a’ chù ‘as sick as a dog [‘the dog’]’
cho laghach ris an òr ‘as kind as [the] gold’,
cho ruadh ris a’ mheirg ‘as brown as [the] rust’
cho ruadh ris an tombàca ‘as brown as [the] tobacco’
Tormod Caimbeul:
‘“Seall cho ruadh ’s a tha na corragan aice”, thuirt mise ri John Murdo Campbell.’
‘“Look how brown her fingers are”, I said to John Murdo Campbell.’
Cho ruadh is a tha iad!
“How brown they are!”
Seall cho ruadh is a tha na corragan aice!
‘Look how brown her fingers are!’
Seall cho luath is a tha na mionaidean a’ falbh oirnn.
‘Look how fast the minutes are going past (us) / how fast we’re running out of minutes.’
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 2, Prògram 1; agus Beag air Bheag 3, Prògram 8.
PUING EILE:
Repeated/customary action: BIDH mi a’...
‘Eileanaich’ (Sgitheanaich)
Seonaid: Bidh mise a’ togail dhealbhan ...
Ailig: Agus bidh thu gan cur air Flickr, nach bi?
Seonaid: Bithidh. Am bi thu gan coimhead Ailig?
Ailig: Bithidh, corra uair.
Alasdair: Bidh solas a’ dol sìos is suas!
“I take photos...”
“And you put them on Flicker, don’t you?”
“Yes I do. Do you look at them, Alec?”
“Yes, now and again.”
“A light goes on and off (flickers)!”
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 1, Prògram 8.
Abairt na Seachdain
Am fear a bhios na thàmh, cuiridh e na cait dhan teine.
Broadcasts
- Sun 3 Apr 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Apr 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Apr 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Apr 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Jul 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Jul 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Jul 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Jul 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Jul 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Jul 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 14 Jul 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Jul 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.



