
5/5 An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn - na h-eaglaisean san robh e
A' fagail na h-Eaglaise Saoire 's a' dol don Eaglais Shaor Chlèireach. How Rev Angus Smith saw the alcohol problem in Skye in the 1960s and left the Free Church years later.
Bha an t-Urramach Aonghas Mac a' Ghobhainn na mhinistear airson còrr math air leth-cheud bliadhna, an toiseach san Eaglais Shaor agus san Eaglais Shaor Chlèireach. Chuir e seachad a' mhòr chuid dhan mhinistrealachd sin san Eilean Sgitheanach agus a Leòdhas, far a robh e a' fuireach mu dheireadh. Ach b' ann air Ghalldachd a chaidh a thogail agus chaidh sìol na ministrealachd a chur ann na bhalach gu math òg.
Thàinig e gu Crìosd na bhalachiaig àm an Dàrna Cogadh am Baile Ghobhainn an Glaschu far na thogadh an teaghlach, agus bhiodh e a' gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e airson a bhith bruidhinn ri cho-aoisean mun t-soisgeil, agus às dèidh sin nuair a bha taghadh aige a dhol dhan oilthigh neo dhan arm. An toiseach rinn e a Sheirbhis Nàiseanta ann am Palestine 's a Libya agus thill e air ais a Ghlaschu. B' urrainn dha a-nis a dhol dhan oilthigh mar a bha dùil aige, ged nach b' ann còmhnard dhan mhinistrealachd a chaidh e. Ach dh'atharraich sin nuair a fhuair e an comharra ris a robh e a' feitheamh.
Thug an t-Urramach Mac a' Ghobhainn deich bliadhna na mhinistear ann an Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. 'S cha b' e searmonachadh an dùbhlan bu mhotha a bha mu choinneamh idir, gu h-àraid ann an 1965, agus e a' strì an aghaidh aiseagan Sàbaid san Eilean Sgitheanach; bha e cuideachd a' cothachadh ri buaidh na dibhe sa sgìre.
Sa phrògram mu dheireadh san t-sreath, còmhla ri Maureen Nicleòid, tha e ag innse mar a dh'fhàg e an Eaglais Shaor agus mar a chaidh e dhan Eaglais Shaor Chlèirich.
Chaochail Mgr Mac a' Ghobhainn san Lùnastal am-bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Thu 21 Jan 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Jan 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 30 Dec 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 30 Dec 201922:00BBC Radio nan Gàidheal