
4/5 An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn
A' strì an aghaidh aiseagan Sàbaid san Eilean Sgitheanach ann a 1965. Remembering Rev Angus Smith's campaign against Sunday ferries in Skye in 1965.
Bha an t-Urramach Aonghas Mac a' Ghobhainnna mhinistear airson còrr math air leth-cheud bliadhna, an toiseach san Eaglais Shaor agus san Eaglais Shaor Chlèireach. Chuir e seachad a' mhòr chuid dhan mhinistrealachd sin san Eilean Sgitheanach agus a Leòdhas, far a robh e a' fuireach mu dheireadh. Ach b' ann air Ghalldachd a chaidh a thogail agus chaidh sìol na ministrealachd a chur ann na bhalach gu math òg. Thàinig e gu Crìosd na bhalach aig àm an Dàrna Cogadh am Baile Ghobhainn an Glaschu, far na thogadh an teaghlach, agus bhiodh e a' gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e airson a bhith bruidhinn ri cho-aoisean mun t-soisgeil an uair sin, agus às dèidh sin, nuair a bha taghadh aige a dhol dhan oilthigh neo dhan arm. An toiseach rinn e a Sheirbhis Nàiseanta ann am Palestine 's a Libya agus thill e a Ghlaschu. B' urrainn dha a-nis a dhol dhan oilthigh mar a bha dùil aige, ged nach b'ann, mar a dh' innis e do Mhaureen NicLeòid, còmhnard dhan mhinistrealachd a chaidh e. Ach dh'atharraich sin nuair a fhuair e an comharra ris a robh e a' feitheamh.
Thug an t-Urramach Mac a' Ghobhainn deich bliadhna na mhinistear ann an Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach agus, mar a chuala Maureen NicLeòid, cha b' e searmonachadh an dùbhlan bu mhotha a bha mu choinneamh idir gu h-àraid ann an 1965.
Chaochail an t-Urr Mac a' Ghobhainn sa Lùnastal am-bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Thu 14 Jan 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 14 Jan 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 23 Dec 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 23 Dec 201922:00BBC Radio nan Gàidheal