
Turas Sgoile Ypres
Bho Sgoil MhicNeacail gu làrach-cogaidh Ypres anns a' Bheilg. A journey from the Nicolson Institute to the battlefield site of Ypres.
Bha sianar oileanaich bho Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas air tilleadh dhan sgoil às dèidh làithean-saora fada an t-samhraidh. Bha là àbhaisteach aca anns na clasaichean agus air a' chlàr- ama b' e eachdraidh an ath chuspair bha gu bhith aca. Bha iad air fad riaraichte mar a chaidh dhaibh leis na deuchainnean 's le sin bha iad den bheachd gum biodh an tidsear aca air a dòigh leotha. 'S beag a bha dhùil aca ris na bha air thoiseach orra.
Dh' innis an tidsear dhaibh a' naidheachd mhath a bh' aice dhaibh - gu robh iad air fiathachadh fhaighinn bho Phròiseact nan Ealan a dhol còmhla riutha chun a' Bheilg, agus iad a toirt an dealbh-chluich Sequamar chun an àrd-ùrlar ann an Ypres.
Bha turas gu Ypres a' ciallachadh pàirt a ghabhail san dealbh-chluich, tadhail air uaighean cogaidh, air taighean-tasgaidh leithid Passchendale, air deifir làraich cogaidh agus a' gabhail pairt ann an seirbheis Menin Gate. Cha b' urrainn dhaibh a chreidsinn gu robh iad a' dol a dh'fhaighinn cothrom mar seo.
Tha Ailig John Moireasdan gar stiùireadh tron turas aca.
Last on
Broadcasts
- Thu 17 Dec 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 17 Dec 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Dec 201509:30BBC Radio nan Gàidheal
