Episode 9
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Ann am prògram na seachdain sa, tha Iain a' còmhradh ris an neach-ionnsachaidh Anndra Ditton agus a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil agus bidh an t-Ollamh Michel Byrne an seo le Oisean a' Ghràmair.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week, John meets Gaelic learner Anndra Ditton, grammar help is on hand from Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
Clips
![]()
Beag air Bheag: Sreath 3: Prògram 9
Duration: 56:30
![]()
Tar-sgrìobhadh: Leth-cheud Bliadhna
Duration: 01:26
![]()
Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich MhicÌomhair
Duration: 01:38
![]()
Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst
Duration: 02:46
Tar-sgrìobhadh: Leth-cheud Bliadhna
Bha Mòd Nàiseanta a’ Chomuinn Ghàidhealaich ga chumail anns an Leargaidh Ghallda mun àm seo bho chionn leth-cheud bliadhna, agus is docha gum b’ ann o chionn ’s gun robh e air Ghalldachd nach do chuir na pàipearan Gàidhealach cus suim ann, seach na prìomh luchd-duaise ainmeachadh.
B’ i Màiri NicArtair à Glaschu, ach le buinteanas do Thiriodh, a thog Bonn Òir nam ban; agus b’ e Iain Murchadh Moireasdan às na Hearadh a choisinn Bonn Òir nam fear. Fhuair Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu prìomh dhuais nan coisirean – Sgiath Lobhat is Thulaich Bhàrdainn.
Ach is neonach nach b’ e an rud buileach annasach mun a’ Mhòd ud, gun deach am fear a choisinn Crùn a’ Bhàird – Ùisdean Laing a Astràilia – a chrùnadh ’s gun e idir an làthair!
Bha e tinn aig an taigh.
Rugadh is thogadh Ùisdean an Uibhist a Deas far an d’ fhuair e oideachadh òg mus deach e gu Oilthigh Ghlaschu a cheumnachadh le MA. Ann an naoi ceud deug is trì deug, thog e air a dh’Astràilia, far an robh e riamh on uairsin, ag obair an toiseach mar mhaighstir-sgoile – is nuair a leig e an dreuchd sin seachad, thòisich e air bàrdachd eadar-theangachadh bho chànanan eile gu Gàidhlig.
Ged nach do cheadaich a shlàinte dha tighinn dhan a’ Mhòd, chaidh Cathair a’ Bhàird a chur air an àrd-ùrlar aig cèilidh mòr oidhche Haoine le Crùn a’ Bhàird suidhichte air, is chaidh an laoidh a bhiodh a’ cur fàilte air a’ Bhàrd ùr a sheinn mar a b’ àbhaist.
Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich
Boyd Robasdan a’ còmhradh ri Coinneach Mòr
Boyd: Tha mi a’ smaoineachadh gur e urram a th’ air a bhith ann an ìre mhath suas chun an seo, agus gu dearbh, chaidh an t-urram sin a bhuileachadh air Iain Tormod a tha dìreach air ar fàgail an-dràsta.
Coinneach: Can ris tilleadh ma-thà gun inns’ e dhut dè tha còir agad a bhith a’ dèanamh!
Boyd: (a’ gaireachdainn) Uill gu dearbh! Gheibh mi a-mach bhuaithe.
Ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil cothrom ann an lùib tiotal mar sin anns an t-saoghal a th’ ann an-diugh far a bheil uaireannan strì a’ nochdadh anns na meadhanan a thaobh na Gàidhlig is daoine a bhith a’ cur sìos, mar eisimpleir, mar a chunnacas o chionn ghoirid air Poileas na h-Alba seach gu bheil iad an dùil a h-uile sìon a tha a’ nochdadh air na càraichean is air na deiseachan aca a chur anns an dà chànan. Tha mòran smodal a’ nochdadh anns na meadhanan o dhaoine a tha gu math aineolach mu dheidhinn suideachadh na Gàidhlig san dùthaich.
Agus chanainn gu bheil cothrom aig tosgaire a bhith a’ feuchainn ri cothachadh ri rudan dhen t-seòrsa sin, agus a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig anns a h-uile dòigh as urrainn, ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba.
’S e duais a th’ ann a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad tron a’ Chomunn Ghàidhealach. Agus bhithinns’ an dòchas gun tigeadh cothroman a bharrachd air dìreach a bhith a’ nochdadh aig a’ Mhòd is a’ faighinn urram. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil feum againn air a bhith a’ brosnachadh dhaoine tron bhliadhna airson aire a thoirt dhan a’ Ghàidhlig agus airson maith na Gàidhlig.
Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst
Mar a chaidh na làithean seachad dh’fhàs e na bu chinntiche nach robh ann ach cleas a chluich inntinn air. A h-uile oidhche bheireadh e an claigeann a-mach às a’ chiste-thasgaidh mhòir, dhainginn a bha anns an rùm thèarainte. Chuireadh e air a’ chuisean dhearg e, ghlasadh e na dorsan, lìonadh e drama agus shuidheadh e air ais a’ coimhead le iongnadh agus pròis air an rud a bha leis-san, an rud a bha a h-uile duine ann an saoghal nan ealain a’ bruidhinn mu dheidhinn.
Ach aon oidhche bhruidhinn an claigeann a-rithist.
“Seall air do shròin an latha às dèidh a-màireach. Dèan faire.”
Bha rudeigin mun ghuth a chuir gaoir troimhe. Cha robh e cho cinnteach tuilleadh an e mac-meanmna a bh’ ann. Dh’fheith e agus dh’fheith e ach cha tàinig facal eile à beul a’ ghàire. Chuir e ceistean, ach cha tàinig freagairt.
Latha no dhà às dèidh sin bha e ga bhearradh fhèin aig an sgàthan nuair a thug e an aire do ghuirean air a shròin, guirean dubh agus gorm agus beagan fala a’ tighinn às. Cha do chuimhnich e na thuirt an claigeann ris, ach an oidhche sin san Athenaeum thuirt duine ris a bha na lighiche ainmeil a dhol chun an dotair aige leis an spot a bha air a shròin, oir dh’fhaodadh i a bhith cunnartach. ’S ann an uair sin a thàinig na facail air ais thuige: “Seall air do shròin an latha às dèidh a-màireach. Dèan faire.”
Am feasgar sin fhèin, ghairm e an dotair aige chun an taighe. Cha b’ e naidheachd mhath a bh’ aige.
“Melanoma,” thuirt e gu trom-chùiseach, “gun teagamh sam bith.”
Dh’innis e dha cho cunnartach ’s a bha melanoma, gum faodadh e a bhith marbh taobh a-staigh sia mìosan mura sealladh e ris sa bhad. Dh’fhòn an dotair ospadal prìobhaideach agus chuir e air dòigh gun deigheadh e a-staigh làrna-mhàireach.
An oidhche sin, thug e a-mach an claigeann a-rithist agus rinn e mar a b’ àbhaist. A’ glasadh nan dorsan, a’ dòrtadh drama, a’ suidhe sìos fa chomhair an uabhais, oir ’s ann mar sin a bha e a’ coimhead air a’ chlaigeann a-nis. Thug e an aire gun robh toll dubh far an robh an t-sròin. Shuidh e airson ùineachan a’ feitheamh ri facal. Mu dheireadh, nuair a bha e gu leigeil thairis, thàinig an guth a-mach às an fhalamhachd:
“Biodh seo na rabhadh dhut.”
Sin uile, “biodh seo na rabhadh dhut.” Agus ged a dh’fhan e ag èisteachd airson faisg air uair-a-thìde eile, cha tàinig bìog an còrr. Thug e an t-sùil mu dheireadh air a’ ghàire chraosach agus ghlas e an claigeann anns a’ chiste-thasgaidh airson an uair mu dheireadh.
Abairt na Seachdain
Oisean a’ Ghràmair 9: Notaichean
1. CHAIDH … a dheanamh: ‘… got done’ (passive)
(Faic cuideachd BEAG AIR BHEAG Sreath 2, Prògraman 4 & 5.)
Boyd Robasdan (air Prògram Choinnich):
“Chaidh an t-urram sin a bhuileachadh air Iain Tormod.”
“That honour got conferred on John Norman.”
Catrìona Mhoireach (air ‘Lethcheud Bliadhna’)
“Chaidh Cathair a’ Bhàird a chur air an àrd-ùrlar aig cèilidh mòr oidhche Haoine.”
“The Bardic Throne was placed / got placed on the stage at a big ceilidh on the Friday night.”
“Chaidh an laoidh a bhiodh a’ cur fàilte air a’ Bhàrd ùr a sheinn.”
“The anthem that would welcome the new Bard got sung / was sung.’
Chaidh an obair a dhèanamh an-dè.
‘The work got done (was done) yesterday.’
Cha deach an obair a dhèanamh.
‘The work didn’t get done, (wasn’t done).’
Chaidh an uinneag a bhriseadh.
‘The window got broken.’
Thèid an uinneag a chàradh.
‘The window will get fixed.’
Chaidh an drochaid a dhùnadh.
‘The bridge got closed off.’
An deach tosgaire ùr a thaghadh?
‘Did a new ambassador get chosen?’
Dheidheadh Crùn a’ Bhàird a bhuileachadh aig a’ Mhòd gach bliadhna.
‘The Bardic Crown would get conferred at the Mod every year.’
N.B. a bhriseadh, a bhuileachadh, a chàradh, a dhèanamh, a thaghadh
Ach:
Cha deach càil atharrachadh.
‘Nothing got changed.’
An tèid an fhìrinn innse?
‘Will the truth get told?’
Chaidh fada cus òl.
‘Way too much was drunk.’
Chaidh an cù fhàgail sa chàr.
‘The dog got left in the car.’
Thèid an drochaid fhosgladh.
‘The bridge will be opened.’
atharrachadh, òl, innse, fhàgail, fhosgladh
2. – inn : I would
Boyd Robasdan (air Prògram Choinnich):
“Agus chanainn gu bheil cothrom aig tosgaire a bhith a’ feuchainn ri cothachadh ri rudan dhen t-seòrsa sin.”
“And I would say an Ambassador has the opportunity to try and fight against that sort of thing.”
“Agus bhithinns’ an dòchas gun tigeadh cothroman a bharrachd air dìreach a bhith a’ nochdadh aig a’ Mhòd is a’ faighinn urram.”
“I would hope opportunities would come up, in addition to just appearing at the Mod and getting an honour.”
Chanainn = Chanadh mi ‘I would say’
Bhithinn = Bhitheadh mi (Bhithinnsa = Bhitheadh mise) ‘I would be’
Bhithinn a’ dol a-mach gu math tric.
‘I’d be going out very often.’
Chuirinn orm mo bhrògan ùra.
‘I’d put on / wear my new shoes.’
Thogainn an cuspair aig gach coinneamh.
‘I would raise the matter at every meeting.’
Nan robh mi saor, dheidhinn còmhla riut.
‘If I was free, I’d go with you.’
(No: Nan robh mi saor, rachainn còmhla riut.
‘If I was free, I’d go with you.’)
Dh’fhuirichinn aig an taigh.
‘I would stay at home.’
Chan obraichinn ach ceithir làithean san t-seachdain.
‘I’d only work four days a week.’
Nan robh an ùine agam, bheirinn dhuibh eisimpleirean eile.
‘If I had time, I’d give you other examples.’
Broadcasts
- Sun 13 Dec 201521:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Dec 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Dec 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Dec 201510:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Mar 201621:31BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 9 Mar 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 9 Mar 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Mar 201610:31BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Jun 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Jun 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Jun 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Jun 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.


