Main content

Episode 10

Episode 10 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Ann am prògram na seachdain sa, tha Iain a' còmhradh ris an neach-ionnsachaidh Cairistìona NicChoinnich à Steòrnabhagh agus a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil, agus bidh an t-Ollamh Michel Byrne an seo le Oisean a' Ghràmair.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week, John meets Gaelic learner Christina Mackenzie, grammar help is on hand from Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

55 minutes

Last on

Sun 27 Jun 202110:30

More episodes

Next

You are at the last episode

See all episodes from Beag air Bheag

Tar-sgrìobhadh: Sròn ann an Leabhar: Lisa Storey

LISA: Is mise Lisa Storey à Bhatarsaigh. Bha leabhraichean a’ còrdadh riumsa gu mòr, on a bha mi glè òg. Tha cuimhn’ a’m mo mhàthair ag ràdh rium turas no dhà:


“Carson a tha thu a-staigh an sin ’s do cheann ann an leabhar fad an latha, an àite bhith muigh air feadh nan cnoc?”


Uill, bu mhath a b’ fhiach na cnuic is na tràghannan is a’ mhuir a bha mun cuairt ormsa ann a Bhatarsaigh a bhith gan siubhal ceart gu leòr. ’S bha mi dèanamh sin cuideachd còmhla ri m’ cho-aoisean. Ach bha fhathast leabhraichean nan tàladh mòr. Dè na leabhraichean ge-tà?


Cha robh na h-uiread sin san taigh againne aig an àm. Cha robh feadhainn Ghàidhlig ann co-dhiù, a bharrachd air leabhar ùrnaigh.


Bha bràithrean mòra agam a bha às an ciall mu westerns, agus thòisich mise air an fheadhainn sin a leughadh cuideachd. Na prairies, àiteachan mìorbhaileach, nach e?


Agus leughainn stuth eile a bhithinn a’ lorg a bha sgrìobhte airson clann-nighean, far an robh na caractaran gu tur eadar-dhealaichte bhuamsa ’s mo cho-aoisean, ’s iad bho theaghlaichean beartach a bhiodh gan cur gu sgoiltean prìobhaideach. Mar sin, airson deagh ùine, bha leughadh dhomhsa mar dhòigh air mo thoirt air falbh bho mo stairseach fhèin a dh’àiteachan annasach, am measg dhaoine aig an robh dòigh-beatha a bha mi a’ smaointinn a bha gu math na bu tarraingiche na a’ bheatha agamsa.


Bha e na ìongnadh mòr dhomhsa ma-thà nuair a lorg mi sgrìobhadair a bha a’ cleachdadh san sgrìobhadh chruthachail aigesan, an dearbh sheòrsa coimhearsnachd air an robh mi cho eòlach. A’ mhuir. An t-iasgach. Daoine bochda, a’ strì ri beò-shlaint’ a dhèanamh. B’ esan Neil Gunn.

Tar-sgrìobhadh: Ceum a-mach

Dòmhnall Camshron agus Ceitidh Mhoireach


Ceitidh Mhoireach: Thig thu a-nuas an seo is tha thu a’ coimhead timcheall, is tha thu ag ràdh riut fhèin, “Dè tha ri fhaicinn an seo?”


Tha feur caran fada curs ann 's tha preasan ann 's tha craobhan ann, ’s chì thu beagan sealladh ach tha thu ag ràdh riut fhèin, “Chan eil càil ann a tha cho uabhasach tarraingeach.”


Ach fuirich thusa a Dhòmhnaill gus an lean sinn oirnn gu mullach a’ chnuic ann a sheo, Cnoc Srath Gaoithe, tha e coltach.


Dòmhnall: Cnoc Srath Gaoithe, sa Bheurla, Blackford, agus mach leinn – tha mi air bhioran a-nist’, tha thu air mo chur a dhol...


Ceitidh: (glè mhath, tha mi ‘n dòchas nach bi thu...)


Dòmhnall: Thig an taobh seo...


Ceitidh: (... a’ faireachdainn caran diombach às, ach chan eil mi an dùil gum bi!)


Dòmhnall: O cha bhi, cha bhi, cha bhi! O tha a h-uile creideas agam unnad!


Ceitidh: O uill!


Dòmhnall: ...agus gum faic sinn na seallaidhean a tha thu a’ gealltainn, gun teagamh. Deagh latha ann, tha i...


Ceitidh: Chan eil an droch latha ann idir ...


Dòmhnall: Chan eil...


Ceitidh: Tha i caran ùr, agus tha i dìreach ... tha togail innte.


Dòmhnall: Tha, suarach cho blàth ’s a tha i, feumaidh mi ràdh, suarach cho blàth ’s a tha i ach ’s dòcha gun tog i fhathast, ach tha i tioram. Tha seo air fhàgail gu nàdarrach, cha bhi gearradh sam bith air. Tha e fàs mar a tha e fàs...


Ceitidh: Tha, sin agad an seòrsa feallsanachd a th’ ann, tha mi ’n dùil. Ach chì thu mar as fhaide air adhart a thèid sinn gu bheil leasachaidhean a’ dol cuideachd. Tha iad a’ cumail sùil air a’ cheum son nach tèid a chosg cus. Bidh iad a’ cur lìon air uachdar, ’s a’ cur sìol ann, feuch an gabh e ùrachadh. Agus tha iad a’ dèanamh leasachaidhean eile a tha a’ tighinn a-rèir an àrainneachd.


Dòmhnall: Uill gasta, leanaidh sinn oirnn, agus tha mise a’ dèanamh fiughair ri tuilleadh fhaicinn ...


Ceitidh: Tha, chì thu sin...


Dòmhnall: Chì an ceartuair, tha, tha dìreach...


Ceitidh: Tha, chì thu sin. Tha ceum beag cumhang, rud beag cas a-bhos an seo, ’s cha chreid mi nach ... dòcha gun lean sinn suas an siud.


Dòmhnall: Leanaidh sinn suas, bidh sinn faiceallach.

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

Seachd latha às dèidh sin, chunnacas sealladh annasach ann an Colla. Thàinig bhan dhubh thèarainte agus a-mach aiste thàinig fear le brèid geal air a shròin. Cha robh duine eile còmhla ris. Bha e air na geàird fhàgail aig an taigh-òsta. Rinn e cinnteach nach robh duine ga fhaicinn agus rinn e toll ann an àite ris an canadh iad o chionn fhada Bealach na Foille. Chuir e dà chuspair gheal san toll. Bha aon a’ deàrrsadh anns a’ ghrian. Dhùin agus dh’fhalaich e an toll gu cùramach leis na sgrathan.


Ged nach tug e an aire, bha cuideigin ga fhaicinn agus ga choimhead. Bha e na sheasamh trì slatan air a bheulaibh, ach bha an duine a bh’ ann gu tur neo-fhaicsinneach. Bha e a’ crathadh a chinn.


Dh’fhan Slim greis a’ smaoineachadh air na rinn e. An robh e a’ dol glan às a chiall? Gheibheadh e dòigh air aon de na claiginn fhaighinn air ais – aon latha.


No ’s dòcha nach fhaigheadh.

Abairt na Seachdain

Tha tapadh air teanga an Èireannaich, ach 's ann an dèidh làimh a th' an Gàidheal glic

Oisean a’ Ghràmair 10: Notaichean

1. SÙIL AIR AIS


Lisa Storey (air ‘Sròn ann an Leabhar’):


“...leughainn stuth eile a bhithinn a’ lorg a bha sgrìobhte airson clann-nighean.”
I would read other stuff I’d find that was written for girls.”
(Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògram 9.)


“Ach bha fhathast leabhraichean nan tàladh mòr.”
“But books were still a big attraction (/ a fascination).” (‘in their big attraction’)
(Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògram 3.)


“...am measg dhaoine aig an robh dòigh-beatha a bha mi a’ smaointinn a bha gu math na bu tarraingiche na a’ bheatha agamsa.”
“...among people who had a lifestyle that I thought was much more attractive than my life.”
(Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògraman 3 & 4.)


2. THÈID MO THAGHADH (‘I’ll get chosen’)


(Faic cuideachd BEAG AIR BHEAG Sreath 2, Prògraman 4 & 5.)


Ceitidh Mhoireach (air ‘Ceum A-Mach’):
Tha iad a’ cumail sùil air a’ cheum [air]son nach tèid a chosg cus.”
“They’re keeping an eye on the path so it doesn’t get worn down too much.”


Cha tèid mo chosg.
I won’t get / don’t get worn down.’ (‘my wearing down’)
Cha tèid do chosg.
You won’t get / don’t get worn down.’ (‘your wearing down’)
Cha tèid a chosg.
He won’t get / doesn’t get worn down.’ (‘his wearing down’)
Cha tèid a cosg.
She won’t get / doesn’t get worn down.’ (‘her wearing down’)
Cha tèid ar cosg.
We won’t get / doesn’t get worn down.’ (‘our wearing down’)
Cha tèid ur cosg.
You (plural) won’t get / doesn’t get worn down.’ (‘your wearing down’)
Cha tèid an cosg.
They won’t get / doesn’t get worn down.’ (‘their wearing down’)


taghadh ‘choosing’
Thèid mo thaghadh.
‘I’ll get chosen.’ (‘my choosing’)
Thèid do thaghadh.
You’ll get chosen.’ (‘your choosing’)
Thèid a thaghadh. 
He’ll get chosen.’ (‘his choosing’)
Thèid a taghadh.
She’ll get chosen.’ (‘her choosing’)


toirt air falbh ‘taking away’
Chaidh mo thoirt air falbh.
‘I was taken away.’ (‘my taking away’)
Chaidh do thoirt air falbh.
‘You were taken away.’ (‘your taking away’)
Chaidh a thoirt air falbh.
‘He was taken away.’ (‘his taking away’)
Chaidh a toirt air falbh.
‘She was taken away.’ (‘her taking away’)


3. PUINGEAN EILE:


Lisa Storey (air ‘Sròn ann an Leabhar’):
“Mar sin, airson deagh ùine, bha leughadh dhomhsa mar dhòigh air* mo thoirt air falbh bho mo stairseach fhèin a dh’àiteachan annasach…”
“So, for a good while, reading for me was like a way of taking me away from my home patch [‘my threshold’] to exotic places…”
(* dòigh air... ‘a way of...’)


‘taking me away / to take me away’:
mo thoirt air falbh (‘my taking away’)
‘taking her away / to take her away’:
a toirt air falbh (‘her taking away’)
‘taking them away / to take them away’:
an toirt air falbh (‘their taking away’), etc.


(Faic BEAG AIR BHEAG Sreath 1, Prògram 10, Puing 1.)


Ceitidh Mhoireach (air ‘Ceum A-Mach’):
“Dè tha ri fhaicinn an seo?”
“What’s to be seen here?”


Chan eil mòran ri dhèanamh.
‘There’s not much to be done / needing done.’
A bheil càil an seo ri ithe?
‘Is there anything to eat (to be eaten) here?’


Ceitidh Mhoireach (air ‘Ceum A-Mach’):
“Ach fuirich thusa a Dhòmhnaill gus an lean sinn oirnn gu mullach a’ chnuic ann a-sheo – Cnoc Srath Gaoithe, tha e coltach.”
“But just you wait, Donald, till we continue up to the top of the hill – ‘Wind Pass Hill’, apparently.”
an cnoc ‘the hill’ → a’ chnuic ‘of the hill’ (ginideach / genitive)


(Faic BEAG AIR BHEAG Sreath 1, Prògram 5.)


Seanfhacal (proverb):
‘Tha adhaircean fada air a’ chrodh tha fad às’
‘Faraway cattle have long horns’, i.e. ‘Distance lends enchantment’.


Gnàths-cainnt (idiom):
Adhaircean fada ann no às,...
‘long horns or no long horns, …’ [‘long horns in or out’]

Broadcasts

  • Sun 20 Dec 201521:30
  • Wed 23 Dec 201512:00
  • Wed 23 Dec 201522:00
  • Sun 27 Dec 201510:30
  • Sun 13 Mar 201621:29
  • Wed 16 Mar 201612:00
  • Wed 16 Mar 201622:00
  • Sun 20 Mar 201610:32
  • Sun 20 Jun 202121:30
  • Wed 23 Jun 202112:00
  • Wed 23 Jun 202122:00
  • Sun 27 Jun 202110:30

Podcast