
Episode 71
Iomradh air buidhnean, tric co-cheangailte ri eaglais, a bha toirt taic dha na saighdearan. Looking at the many church groups which supported the Allied soldiers.
An luib naidheachdan a' chogaidh an t-seachdain sa tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mu bhuidhnean a bha cudromach ann a bhith a' toirt taic do shaighdearan. Air an 28mh den t-Samhain 1915 sgrìobh Eòghainn MacNeacail à Griomasaigh gu phiuthar air duilleag pàipear le na facail Church Army Recreation Hut aig bàrr na duilleig.
B' e an Church Army aon de na buidhnean, mòran dhiubh ceangailte ri eaglaisean eadar-dhealaichte, a bha a' toirt taic ann an diofar dhòighean do shaighdearan. Nam measg bha The Young Men's Christian Association - a YMCA, Comataidh Hutaichean Eaglaisean na h-Alba, An Club Caitligeach, Arm an t-Saoraidh ( a' Salvation Army) agus àite air am biodh iad ag èigheachd, Toc H, neo Talbot House faisg air Poperinghe.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 031215
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 3 Dec 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 4 Dec 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
