
Episode 70
Blàr Ctesiphon tòiseachadh a Mesopotamia, a thigeadh gu Sèist Kut aig a' cheann thall. The Battle of Ctesiphon began on 22 November 1915, resulting in the eventual Siege of Kut.
Air an dàrna latha fichead den t-Samhain thòisich Blàr Ctesiphon, mar a tha Gilleasbuig MacDHòmhnail ag innse an t-seachdain sa. B' e Ctesiphon aon de phrìomh bhailtean seann Mhesopotamia, stèidhichte air bruaichean an Tigris, beagan a bharrachd air fichead mìle deas air Baghdad an latha an-diugh.
Fo chommand Sir Iain Nixon, bha a' chiad ionnsaighean a rinn feachdan Bhreatainn ann am Mesopotamia air a bhith soirbheachail. Bha feachdan fo chommand Sir Teàrlach Townsend air Basra a ghabhail agus baile Kut-al-Amara. Thug Nixon a-nise òrdugh do Townsend e leantainn air suas aibhnichean Tigris agus Euphrates gu ruige Baghdad - an duais a bha dhìth air.
Ach bha teagamhan mòra aig Townsend mun iomairt seo. Far an robh e, bha làn fhios aige nach biodh e furasta armachd no biadh no saighdearan eile fhaighinn ga ionnsaigh. Bha teagamhan aige cuideachd mu na saighdearan a bh' aige. Innseanaich a bh' anns a' mhòrchuid dhiubh, agus bha e air an treas cuid dhiubh a chall cheana, cuid air am marbhadh anns a' bhlàr, cuid air strìochdadh ri tinneas.
Chan èisteadh Nixon ris agus cluinnidh sinn mar a thachair.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 261115
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 26 Nov 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 27 Nov 201511:50BBC Radio nan Gàidheal
